Tuathanaich a' gearain mu Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh
![Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh](https://ichef.bbci.co.uk/ace/standard/2048/cpsprodpb/7552/live/a6b3eea0-b38b-11ee-ad88-31fdc631c3fd.jpg)
- Air fhoillseachadh
Stèidhich tuathanaich agus croitearan taobh a-staigh chrìochan Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh buidheann agus dragh orra mun bhuaidh a tha a' phàirc a' toirt orra.
Tha Tuathanaich is Croitearan a' Mhonaidh Ruaidh ag ràdh nach eil Ùghdarras na Pàirce (CNPA) air a bhith a' conaltradh ceart leotha agus a' cumail fios riutha.
Tha dragh gu sònraichte orra a thaobh mar a chaidh bìobhairean a thilleadh gu sgìre Uisge Spè san Dùbhlachd 2023 agus tha iad a' fàgail air an CNPA nach do rinn iad conaltradh poblach mar bu chòir.
Coinnichidh buill na buidhne ùire ri riochdairean Ùghdarras na Pàirce Diluain.
![Tuathanaich is Croitearan a' Mhonaidh Ruaidh](https://ichef.bbci.co.uk/ace/standard/630/cpsprodpb/830a/live/636518e0-b38b-11ee-81f0-dbc833860c37.png)
Tha buidheann ùr ag amas air guth nas làidire a bhith aig tuathanaich is croitearan
Thàinig faisg air 50 croitear agus tuathanach còmhla air an 4mh den Fhaoilleach a dheasbad an cuid draghan mu bhuaidh nam bìobhairean air talamh àitich.
Thuirt cathraiche na buidhne, Raibeart Dòmhnallach: "Chan eil sinn an aghaidh nam bìobhairean uile gu lèir ach tha àite ceart ann air an son.
"Tha bruachan tuile air gach taobh de dh'Abhainn Spè, agus tha sinn a' faicinn shìos ann an Taobh Tatha far a bheil na bìobhairan a' dèanamh millidh air na bruachan tuile an sin.
"Leis na tuiltean an cois Stoirm Babet bha cosgaisean faisg air £2m air daoine airson na bruachan tuile sin a chàradh," mhìnich Mgr Dòmhnallach.
Tha dragh air a' bhuidhinn mu amas an CNPA Uisge Spè a cheangal uair eile ris an raon-tuile agus gun dèan sin boglach den ghleann.
![Bìobhair](https://ichef.bbci.co.uk/ace/standard/696/cpsprodpb/6bc3/live/3d9d0cc0-b38c-11ee-ad88-31fdc631c3fd.jpg)
Tha dragh air a' bhuidhinn mu bhuaidh nam bìobhairean air talamh àitich
Tha dòchas aig a' bhuidhinn air conaltradh nas fheàrr le Ùghdarras na Pàirce mu na h-amasan eile a th' aca agus gum faigh iad èisteachd.
Thuirt Mgr Dòmhnallach: "An ath rud a tha iad ag iarraidh 's e lincean a thoirt a-staigh.
"Chan eil sinn ag iarraidh gum bi lincean air an leigeil às agus gum bi iad an uairsin ag innse dhuinn gu bheil e air tachairt."
Dh'iarr am BBC beachd bho Ùghdarras Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh.