Maoineachadh 'son leasachadh air Ploc a' Chaoil

- Air fhoillseachadh
Fhuair Urras Coimhearsneachd a' Chaoil agus Loch Aillse còrr air £360,000 bhon chompanaidh chumhachd SSE 'son ionad dualchais a stèidheachadh.
Tha iad am measg bhuidhnean air a' Ghàidhealtachd a fhuair buannachd à maoineachadh £2m.
Fhuair cuideachd an Screen Machine £350,000 a dh'ionnsaigh na targaid acasan de £1.7m air a bheil iad ag amas gus an t-seirbheis a ghlèidheadh
Tha Urras Coimhearsneachd a' Chaoil agus Loch Aillse am beachd taigh-fada, coltach ri taigh Lochlannach, a thogail air Ploc a' Chaoil mar phàirt de cholaiste àrainneachd agus sgilean traidiseanta.
Thèid cuideachd eachdraidh an àite a thaisbeanadh ann.
"Agus cuideachd tha sinn air airgead fhaighinn bhon Chrannchur Nàiseanta airson mar gum biodh colaiste a tha a' coimhead air an àrainneachd, agus cuideachd a' teagasg seann sgilean, no sgilean a bha dualach dhan sgìre, a stèidheachadh," thuirt Magaidh Choineagan bhon Urras.
Leasachadh air Ploc a' Chaoil
Tha an t-Urras a' cur fàilte mhòir air an airgead is iad ag ràdh gu bheil cruaidh-fheum air leasachaidhean den leithid seo anns a' Chaol.
"Tha trioblaid mhòr ann an Caol Loch Aillse gu bheil daoine gu math tric, gu sònraichte luchd-turais agus luchd-tadhail air an Eilean Sgitheanach a' dol tron bhaile ann an diog", thuirt A' Bh.Ph. Choineagan
"Cha mhòr gu bheil duine sam bith a' stad anns a' Chaol agus mar sin, tha sinn a' feuchainn ri àrainneachd a chruthachadh far an stad daoine agus cuideachd far an tig daoine a dh'ionnsachadh".
Tha dòchas ann gum bi buannachdan gu leòr ann san ùine fhada agus gur e sàr-chothrom a bhios ann do dh'òigridh na sgìre.
Thathas an dùil cuideachd gun cruthaich an leasachadh na h-uimhir de chosnaidhean.
"Le mar a leasaicheas a' cholaiste, bidh sinn an dòchas gun tig daoine agus gum fuirich iad airson 's dòcha seachdain no barrachd air sin tro ùine anns a' Chaol fhèin," thuirt thuirt Magaidh Choineagan.
"Cuideachd aon uair 's gu bheil e stèidhichte gum bi e na rud air am bi luchd-turais ag iarraidh tadhail, agus mar sin gun cùm sinn daoine nas fhaide anns an sgìre.
"Tha e cuideachd cudromach gum bi clann-sgoile an sàs ann an seo, agus daoine òga às an sgìre, gun tog iad seann sgilean agus gum faigh iad tuilleadh eòlais air an àrainneachd."
Tha an t-Urras an dòchas gun tòisich obair-togail ro dheireadh na bliadhna.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh10 An Cèitean 2019