Davidson na leas-mhanaidsear aig County

Callum DavidsonTùs an deilbh, SNS
  • Air fhoillseachadh

Dh'ainmich Ross County gu bheil iad air seann mhanaidsear St Johnstone, Callum Davidson, fhastadh mar leas-mhanaidsear.

Bhuannaich Davidson Cupa na h-Alba agus Cupa na Lìge na ùine os cionn sgioba Pheairt.

Bha e mu dheireadh na mhanaidsear aig Queen's Park far an robh e aig an stiùir airson ceithir mìosan deug.

Tha seo a' tighinn seachdain as dèidh do Tony Docherty a bhith air ainmeachadh mar mhanaidsear ùr Ross County.

"Tha mi gu math toilichte Callum a thoirt chun a' chluba," thuirt Docherty.

"Tha e a' toirt leis tòrr eòlais bho àm shoirbheachail a' cluich agus na mhanaidsear.

"Tha na h-aon seòrsa bheachdan againn mu bhall-coise, agus leis gu bheil sinn obrachadh còmhla ron seo, tha mi cinnteach gun toir e deagh bhuaidh air an sguad," thuirt e.

Tha Ross County an-dràsta aig bonn an Championship is gun iad ach air dà phuing a thogail bhon chiad còig geamaichean aca.

Thèid iad an aghaidh Ayr United air falbh bhon taigh san ath gheam aca Disathairne.