Dàil air cùrsa 'son barrachd thidsearan Gàidhlig san àrd-sgoil

- Air fhoillseachadh
Chaidh dàil a chur air sgeama aig Oilthigh Shrath Chluaidh a tha a' tòirt sgilean thidsearan aig nach eil ach glè bheag de Ghàidhlig chun na h-ìre far an urrainn dhaibh an cànan a theagasg san àrd-sgoil.
Chaidh an cùrsa pìleat a chur air bhonn ann an 2022 le taic agus stiùireadh bho Bhòrd na Gàidhlig a thug seachd co-dhiù £30,000 air a shon cuideachd.
Bha còrr gum biodh e a' ruith airson 18 mìosan ach chuala coinneamh den bhuidhinn leasachaidh an t-seachdain seo mu na "grunn dhuilgheadasan" mu staid an sgeama.
Tha sin a' fàgail nach fhaigh an luchd-teagaisg an cuid theisteanasan gu deireadh 2026 aig a' char as tràithe.
Thathas ag amas air tidsearan chànanan leithid Frangais is Spainntis a mhisneachadh gus a' Ghàidhlig a theagasg do luchd-ionnsachaidh cuideachd.
Dh'innis Oilthigh Shrath Chluaidh gun do dh'aontaich iad le Bòrd na Gàidhlig gun tòisich an cùrsa às ùr san Fhaoilleach gus leigeil leis an fheadhainn a tha ga dhèanamh an cuid theisteanasan fhaighinn ro dheireadh na h-ath-bhliadhna.
Chaidh aontachadh gun tèid measadh a dhèanamh air mar a chaidh leis a' chùrsa mus tèid càil coltach ris fheuchainn a-rithist.