Fear a dhìth à Inbhir Pheofharain

Iain RosTùs an deilbh, Poileas Alba
  • Air fhoillseachadh

Tha na Poilis ag iarraidh fiosrachaidh 's iad a' feuchainn ri fireannach a lorg a tha a dhìth à Inbhir Pheofharain.

Chuir teaghlach Iain Rois, 65, fios air na Poilis Dimàirt 's iad ag ràdh nach robh sgeul air.

Fhuair oifigearan a bha ga shireadh an càr aige aig raon-parcaidh Beinn Àilleagan ann an Toirbheartan Diciadain.

Tha e geal, 5' 9" de dh'àirde, 's e caol le falt liath fuasgailte. Chan eil fhios dè an t-aodach a bha uime.

"Bhruidhinn a theaghlach ri Mgr Ros mu dheireadh Didòmhnaich an 8mh là den t-Sultain," thuirt an Sgt Donnchadh Birse, bho Stèisean Poilis Inbhir Pheofharain.

"Bidh e a' bruidhinn ri a theaghlach gu cunbhalach, agus nuair nach robh iad air cluinntinn bhuaithe fad seachdain chuir iad fios air na Poilis.

"Bidh e tric a' coiseachd nam beann, agus leis gun deach an càr aige a lorg faisg air Beinn Àilleagan, tha oifigearan, còmhla ri luchd-teasairginn ionadail, a' sgrùdadh na beinne agus na sgìre mun cuairt feuch lorg fhaighinn air.

"Dh'iarramaid air duine sam bith a dh'fhaodadh a bhith air fhaicinn bho Dhidòmhnaich an 8mh là den t-Sultain, no an càr Dacia Duster glas aige, fios a chur oirnn.

"Faodar fios a chur air oifigearan air 101, a' toirt seachad na h-àireimh-cùise 2381 de Dhimàirt an t-17mh là den t-Sultain 2024."