Taic connadh a' gheamhraidh "ro bheag"

Làmh seanna bhoireannaich a' tionndadh daidhle teasadairTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha buidheann charthannais ag ràdh nach dèan an t-airgead a bheir Riaghaltas na h-Alba do pheinnseanairean air a' gheamhradh seo mu choinneimh chosgaisean connaidh diofar mòr gu leòr.

Thig Pàigheadh Teas a' Gheamhraidh do dhaoine aig aois a' pheinnsein a-steach am-bliadhna, 's Riaghaltas na h-Alba a' toirt co-dhiù £100 do dhachaigh sa bheil peinnseanair a' fuireach mu choinneimh chosgaisean connaidh.

Ach tha Energy Action Scotland ag ràdh gu bheil sin ro bheag.

Thàinig an sgeama ùr an dèidh do Riaghaltas Bhreatainn teannachadh a dhèanamh air na riaghailtean a th' ann airson taic connadh a' gheamhraidh, 's dragh air ministearan ann an Holyrood gun cailleadh daoine a-mach ri linn sin.

Thig Lasachadh na Dachaigh Blàithe - no an Warm Homes Discount - aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air ais a-steach san Dàmhair cuideachd, ach bidh aig cuid ri chur airson sin.

A rèir Energy Action Scotland ge-tà, tha an atmhorachd air fàgail nach eil faisg uiread feum anns na suimean a gheibh peinnseanairean an-diugh.

Crìonadh

"'S e suimean a tha seo sa bheil luach a th' air lùghdachadh thar ùine," thuirt Fraser Scott, bho Energy Action Scotland.

"'S gann gu bheil Lasachadh na Dachaigh Blàithe, a th' aig £150, air atharrachadh bho thàinig e a-steach.

"'S e £140 a bh' ann air ais ann an 2020 - ach an uair sin gheibheadh £140 dhut mu 43 là de chumhachd aig cleachdadh àbhaisteach.

"An-diugh chan fhaigh thu air ach 22 là. Tha a luach a' crìonadh.

"'S tha an aon rud fìor mu Phàigheadh Teas a' Gheamhraidh aig aois a' pheinnsein.

"Cha do dh'atharraich an luach an sin ann am 20 bliadhna."

Thuirt Rùnaire a' Cheartais Shòisealta, Shirley-Anne Somerville, gu bheil mar a tha Riaghaltas na h-Alba a' coimhead ris a' chùis a' toirt taic dhaibhsan as motha a th' ann an èis, agus gun cùm iad orra a' dèanamh cinnteach gum faigh seann daoine an taic ionmhasail a tha a dhìth orra air a' gheamhradh.