Fiosrachadh ga shireadh às ùr mu fhear a th' air a bhith gun sgeul fad bliadhna

Iain Ros Tùs an deilbh, POILEAS ALBA
Fo-thiotal an deilbh,

Chuala teaghlach Iain Rois mu dheireadh bhuaithe air an 6mh den t-Sultain 2024

  • Air fhoillseachadh

Tha na Poilis air a' Ghàidhealtachd air iarrtas às ùr a sgaoileadh airson fiosrachadh mu fhireannach a chaidh a dhìth an-uiridh.

Bhruidhinn Iain Ros, 66, ris an teaghlach aige air an 6mh den t-Sultain 2024. Chaidh lorg fhaighinn air a' chàr aige 12 là às dèidh sin ann am pàirc-chàraichean faisg air Toirbheartan.

Rinn luchd-teasairginn rannsachadh mòr sa sgìre a' cleachdadh dhrònaichean agus teicneòlas AI ach cha d' fhuaireadh sgeul air.

Thuirt an t-Inspeactair Daniel Jack: "Bliadhna on chualas mu dheireadh bho Iain, tha sinn ag iarraidh air duine sam bith nach do bhruidhinn ris na poilis fhathast neo aig a bheil fiosrachadh sam bith a dh'fhaodadh ar cuideachadh a thighinn air adhart."

Chuir a theaghlach fios air na seirbheisean èiginn air an 17mh den t-Sultain an-uiridh nuair nach robh iad a' cluinntinn bhuaithe.

Fhuaireadh an càr aige, Dacia Duster liath, aig bonn Bheinn Àilleagain ann an Toirbheartan an ath-là.

Tha na poilis den bheachd gun robh e air a bhith ann bhon 8mh den t-Sultain.

Tha Ian geal, mu chòig troigh agus deich òirlich de dh'àird, meadhanach mòr, le falt liath agus sùilean gorma-liath.

Thathar den bheachd gun robh èideadh coiseachd air agus gun robh e a' giùlain baga-droma.

Tha na Poilis ag radh gu bheil a theaghlach gu math tro chèile gu bheil e fhathast a dhìth agus dh'iarr iad air duine sam bith le fiosrachadh a thighinn a bhruidhinn riutha. , taobh a-muigh

Thuirt an t-Insp Jack: "A bharrachd air an sin, dh'iarramaid air duine sam bith a bh' ann an sgìre Thoirbheartain Là na Sàbaid an 8mh den t-Sultain 2024 fios a chur oirnn, ge be cho beag agus a dh'fhaodadh am fiosrachadh aca a bhith."