Dh'iarradh leudachadh air a' chonaltradh mu loidhne dealain ùr

Thathar a' moladh sreath chrainn-dealain 100 mìle de dh'fhaid eadar A' Mhanachainn agus An Spideal
- Air fhoillseachadh
Tha buidheann de chomhairlean coimhearsnachd ag ràdh nach eil tìde gu leòr aca sgrùdadh ceart a dhèanamh air plana SSEN airson sreath chrainn-dealain eadar A' Mhanachainn agus An Spideal mus tig ceann-là na co-chomhairle poblaich gu ceann.
Tha còir gum bi beachdan dhaoine mu mholaidhean na companaidh-dealain a bhith a-staigh ron 6mh den Dàmhair.
Ach tha luchd-iomairt a tha an aghaidh na thathas a' moladh ag ràdh gu bheil barrachd ùine a dhìth orra airson coimhead ceart air na mìltean de phàipearan dealbhachaidh an cois a' phròiseict.
Tha John Heathcote, Rùnaire Comhairle Coimhearsnachd Chunndainn, ag ràdh gun robh iad an dòchas bruidhinn ris na comhairlean coimhearsnachd eile air an t-slighe agus freagairt a thoirt don cho-chomhairle mar aon bhuidhinn.
"Chan eil e comasach gum faigh air 20 comhairle ri freagairt aontachadh san ùine a th' againn.
"Tha an loidhne dealain beagan agus 100 mìle de dh'fhaid, bidh e ann 50 bliadhna no barrachd agus cosgaidh e còrr agus £1bn.
"Ma tha do nàbaidh airson garaids a thogail tha 21 là agad airson beachd a thoirt seachad agus tha 30 là againne airson ar beachdan a thoirt don phròiseact mhòr mhòr seo," thuirt e.
- Air fhoillseachadh12 An Lùnastal
- Air fhoillseachadh16 An t-Ògmhios
- Air fhoillseachadh9 An t-Iuchar
Thuirt Mgr Heathcote gu bheil iad air iarraidh air Riaghaltas na h-Alba gum faigh iad gu deireadh na bliadhna airson freagairt a thoirt don cho-chonaltradh phoblach.
Thuirt SSEN gun do chùm iad còrr agus 50 seiseanan poblach mar phàirt den cho-chomhairle bho 2023 gus fiosrachadh a chumil ri daoine.
Tha am plana deireannach a' toirt feairt air na beachdan a fhuair iad, tha iad ag ràdh.
Thuirt neach-labhairt gum biodh buannachd coimhearsnachd luach mu £35m an cois a' phròiseict, agus gun cruthaicheadh e dreuchdan maireannach sa sgìre.