"Bu chòir GB Energy a bhith stèidhichte air Ghàidhealtachd"

- Air fhoillseachadh
Sgrìobh Comhairle na Gàidhealtachd, HIE agus ceannardan bhuidhnean gnothachais air Ghàidhealtachd gu Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte is iad a' moladh gum bi a' chompanaidh chumhachd ùr GB Energy stèidhichte air Ghàidhealtachd.
Bha GB Energy - companaidh cumhachd uaine phoblach - am measg prìomh ghealltanasan a' phàrtaidh Làbaraich san taghadh.
Thuirt iad ron seo gum biodh a' chompanaidh stèidhichte ann an Alba agus tha feadhainn ann an sgìre Obar Dheathain mar thà air iarraidh gur ann an sin a bhiodh e.
Anns an litir aca gu Rùnaire ùr na Tèarainteachd Cumhachd is Net Zero, Ed Miliband, tha na ceannardan bhon Ghàidhealtachd ag ràdh gu bheil iad cinnteach às gur e an ceann a tuath an t-àite as fheàrr a th' ann 'son na companaidh ùire a bhith stèidhichte.
Thuirt iad gu bheil Saor-Phort Uaine Inbhir Nis is Linne Chrombaigh a' tàladh chompanaidhean eadar-nàiseanta is gum bi cuibhreann mòr de chumhachd ghaoithe na Rìoghachd Aonaichte - an dà chuid air tìr is aig muir - agus a' mhòr-chuid de sgeamaichean pumpaidh haidro na dùthcha - air an stèidheachadh air Ghàidhealtachd.
Thuirt iad mar sin gun tig a' mhòr-chuid de chumhachd uaine na Rìoghachd Aonaichte às a' cheann a tuath, is gu bheil an sgìre le comas nas fheàrr na sgìre eile san Rìoghachd Aonaichte airson cur ri leasachadh chumhachd ath-nuadhachail.
Dh'innis iad gum bi tagraidhean bho sgìrean eile ann an Alba ach gum bi iad sin stèidhichte air na tha iad a' cruthachadh de chumhachd an-dràsta, seach na bhios ann san àm ri teachd.
Thuirt iad cuideachd gur e teachdaireachd chumhachdach a bhiodh ann nam biodh a' chompanaidh air a stèidheachadh aig tuath is gun sealladh e mar as urrainn dha riaghaltas sa mheadhan buannachdan a sgaoileadh air feadh na Rìoghachd.
Thug iad cuireadh dha Mgr Miliband fhèin a thighinn a dh'Inbhir Nis gus faicinn mar a tha an gnìomhachas a' sìor fhàs.