Trì seòlaidhean aiseig san là a dhìth orra a rèir mhuinntir Uibhist

Dealbh neach-ealain den bhàta-aiseig ùrTùs an deilbh, CMAL
Fo-thiotal an deilbh,

Tha dùil gun tòisich am bàta-aiseig ùr air an t-slighe eadar Loch nam Madadh is Ùige ann an 2025

  • Air fhoillseachadh

Chuala coinneamh phoblach ann an Uibhist oidhche Luain gur e trì seòlaidhean san là gach là a bu mhiann le muinntir na sgìre nuair a thòisicheas am bàta-aiseig ùr aca eadar Loch nam Madadh agus Ùige san Eilean Sgitheanach.

'S e seirbheis airson bathair a-mhàin a bu chòir a bhith ann an aonan dhiubh sin a dh'iarr a' mhòr-chuid de na bha an làthair aig coinneimh a chuir Comhairle Coimhearsnachd Uibhist a Tuath air dòigh.

Bha mu 20 duine ann airson beachdachadh air dè seòrsa clàr-ama a fhreagradh orra.

Thuirt Rùnaire Comhairle Choimhearsnachd Uibhist a Tuath, Fiona Nic a' Phiocair, gur e briseadh-dùil a bh' ann nach do nochd barrachd ach na beachd tha daoine seachd searbh sgìth de bhith a' bruidhinn air còmhdhail.

"'S dòcha gu bheil iad air beagan earbsa a chall ann an leithid ChalMac agus a bheil am beachd acasan a' dol a dhèanamh diofair, a bheil iad a' dol a dh'èisteachd riutha co-dhiù," thuirt i.

Cidhe Loch nam Madadh
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh cur ri cidhe Loch nam Madadh airson 's gum biodh e mòr gu leòr airson a' bhàta-aiseig ùir a bhios ann

Cha robh riochdaire ChalMac aig a' choinneimh ged a chaidh cuireadh a chur thuca.

Tha a' chompanaidh aiseig ag iarraidh orra freagairt a chur thuca ag innse dè an t-seirbheis a bu mhiann leotha leis a' bhàta ùr ron 18mh den Ògmhios.

'S e seòlaidhean nas tràithe sa mhadainn agus nas anmoiche air an oidhche a b' fheàrr le daoine, thuirt Fiona Nic a' Phiocair, agus piseach air an t-seirbheis bathair aca.

"Bhiodh cothrom aig sgoilearan faighinn air falbh air an deireadh-sheachdain, nach biodh e a' fàgail buaidh air sgoilearachd agus an luchd-obrach fhèin cuideachd," thuirt i.

Chaidh cidhe Loch nam Madadh a leasachadh airson gabhail ris an t-soitheach ùr a bhios ann.

An toiseach 's e tè de na soithichean a tha gan togail aig Gàrradh MhicFhearghais air Abhainn Chluaidh a bha còir a bhith air slighe Uibhist ach leis gu bheil dàil mhòr orra sin 's e tè den fheadhainn a thathar a' togail san Tuirc a bhios ann.

Tha dùil gum bi an MV Claymore agus an MV Lochmor deiseil ro dheireadh 2025.