Bàs a' Phàpa: Dè a-nise?

- Air fhoillseachadh
Chaochail am Pàpa Prainnseas Diluain na Càisge aig aois 88.
Dhearbh am Bhatacan gun do chaochail am Pàpa sa mhadainn san dachaigh aige, Casa Santa Marta anns a' Bhatacan.
Ann am brath thuirt iad gun robh e air a bheatha air fad a thoirt seachad ann an seirbheis an Tighearna agus na h-Eaglaise.
Tha ceannardan air feadh an t-saoghail air a bhith a' dèanamh luaidh air.
Chaidh Prainnseas a thaghadh mar Phàpa sa Mhàrt 2013.
Le naidheachd a' bhàis tha pròiseas a-nise gus tòiseachadh gus Pàpa ùr a thaghadh.
Tòrradh
Bha am Pàpa Prainnseas e fhèin bho chionn ghoirid air cead a thoirt do phlanaichean gus pròiseas an tòrraidh a dhèanamh nas sìmplidh.
Gu traidiseanta bhiodh am Pàpa ga thiodhlacadh ann an ciste le trì pàirtean, air an dèanamh à cuipreas, luaidh agus darach.
Tha Prainnseas air ciste nas sìmplidh a roghnachadh, air a dhèanamh le fiodha is e air a lìnigeadh le sionc.
Chuir e às cuideachd don chleachdadh gus corp a' Phàpa a thaisbeanadh gu poblach air àrd-urlar air a bheil catafalque ann am Bàislig an Naoimh Peadar.

Basilica di Santa Maria Maggiore, far an tèid am Pàpa Prainnseas a thiodhlacadh
An àite sin, faodaidh daoine urram a shealltainn dha is a chorp ann an ciste fhosgailte.
'S e Prainnseas a' chiad Phàpa ann an còrr is 100 bliadhna a bhios air a thiodhlacadh taobh a-muigh na Bhatacain.
Bidh an tòrradh ann am am Basilica di Santa Maria Maggiore san Ròimh.
Thèid corp a' Phàpa a chur sa chiste oidhche Luain.
Chan eil fios fhathast cuine bhios an tòrradh ann, ach bidh e a-taobh a-staigh seachdain.
Colaiste nan Càirdinealan
Thèid am Pàpa ùr a thaghadh leis na h-oifigich as àirde dhreuchd san Eaglais Chaitligich, Colaiste nan Càirdinealan.
'S e fireannaich a th' annta air fad, air am fastadh leis a' Phàpa, is mar as trice 's e easbaigean a th' annta.
Tha 252 càirdineal ann an-dràsta is tha bhòt aig 137 dhiubh.
Tha an fheadhainn eile nas sine na 80 bliadhna a dh'aois.
Ged a tha cothrom acasan a dhol an sàs san deasbad mun Phàpa ùr, cha bhi bhòt aca.
'S e Prainnseas a chuir 109 de na càirdinealan a bhios a' bhòtadh ann an dreuchd.
Mar a thèid Pàpa ùr a thaghadh
Às dèidh dhan Phàpa bàsachadh (no mar a thachair leis a' Phàpa Benedict ann an 2013, air a dhreuchd fhàgaill), thèid iarraidh air na càirdinealan tighinn gu coinneimh sa Bhatacan, mar as trice 15-20 là às dèidh a' bhàis.
Bidh an uairsin taghadh ann.
Fhad 's a tha am pròiseas seo a' dol air adhart, 's e Colaiste nan Càirdinealan a tha a' riaghladh na h-Eaglaise Caitligiche.
Tha an taghadh fhèin ga chumail ann an dìomhaireachd ann an Seipeal Sistine.

Cèo geal a' tighinn à Seipeal Sistine ann an 2013
Bidh gach càirdineal a' bhòtadh airson an tagraiche a b' fheàrr leotha gus an tèid Pàpa ùr a thaghadh.
Faodaidh seo grunn làithean a thoirt. Anns na linntean a dh'fhalbh, bhiodh e uaireannan a' toirt seachdainean no fiù 's mìosan.
Thig ceò às an t-Seipeal dà thuras gach là is pàipearan-bhòtaidh nan càirdinealan air an losgadh.
Tha ceò dubh a' ciallachadh nach eil aonta ann.
Ma thig ceò geal às an t-similear, tha Pàpa ùr air a thaghadh.
Am Pàpa ùr
Às dèidh dha ceò geal nochdadh, bidh am Pàpa ùr mar as trice a' nochdadh air balconaidh os cionn Ceàrnag an Naoimh Peadar taobh a-staigh uair a thìde.
Dearbhaidh an t-àrd-chàirdineal a bha os cionn an taghaidh an naidheachd leis na faclan "Habemus Papam" - "Tha Pàpa againn".
Innsidh e dè an t-ainm a bhios air a' Phàpa.
Ged a 's e Jorge Mario Bergoglio a bha air Prainnseas, ghabh e an t-ainm eile mar urram air Prainnseas Assisi.

Am Pàpa Prainnseas a' nochdadh às dèidh an taghaidh ann an 2013
Nuair a chaidh Am Pàpa Prainnseas a thaghadh ann an 2013, b' e a' chiad Phàpa a rugadh taobh a-muigh na Roinn Eòrpa bhon 8mh linn, agus a' chiad Phàpa riamh à Aimeireaga a Deas.
Gu h-eachdraidheil ge-tà, bha na Càirdinealan buailteach Eòrpach a thaghadh.
Chaidh 266 Pàpa a thaghadh gu seo is 217 dhiubh às an Eadailt.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh13 Am Màrt 2023