Beachd gur e iolaire-mhara a dh'fhalbh le searraich Shealtainneach an Uibhist

Tha Dòmhnall Iain Camshron cha mhòr cinnteach às gur e iolairean-mara as coireach gun do chaill e na h-uimhir de shearraich am-bliadhna
- Air fhoillseachadh
Tha croitear ann an Uibhist a Deas a' cumail a-mach gur e iolairean-mara as coireach gun do chaill e còig de na h-eich oga Sealtainneach aige am-bliadhna.
Tha Dòmhnall Iain Camshron à Loch Sgioport ag ràdh nach eil sgeul air closaichean fiù 's.
Thuirt e: "Tha mi air an talamh a shiubhal agus chan eil mi a' faighinn lorg air sian, beò no marbh."
Ghabh e ris nach fhaca e fhèin iolaire a' breith air searraich ach gum faca e tè a' sgèith os an cionn iomadach trup.
Tha NàdarAlba ag ràdh nach eil dearbhadh sam bith ann gur e iolairean-mara a dh'fhalbh leis na searraich.

Tha sgaradh bheachd ann mu bhuaidh nan iolairean-mara air stoc
Tha Mgr Camshron ag ràdh gu bheil fios aig daoine a tha ag àrach bheathaichean gun tog iolaire-mhara laogh fèidh sa bheil cuideam nas motha na searrach.
"Tha sin ag innse dhomh nach eil strì aig iolaire searrach a thogail," thuirt e.
'S e an rud as miosa, tha e ag ràdh, feuchainn ri mìneachadh don nighinn bhig aige dè a dh'èirich dha na h-eich bheaga.
"'S e peutan a th' ann dhuinne. 'S e am beòshlainte againn a th' ann," thuirt e.
Tha e a' ruith companaidh air a bheil Long Island Retreats a' gealltainn do luchd-turais gum faic iad searraich.
Thuirt e: "Nochdaidh iad agus chan eil searraich idir ann - dè thachair dhaibh?"

Tha Dòmhnall Iain Camshron ag ràdh gur e piatain a th' anns na h-eich bheaga ach cuideachd am beòshlainte
Thuirt e gu bheil e ag iarraidh air na h-ùghdarrasan smachd a chur air na h-eòin.
Chan eil fhios aca le cinnt, tha e a' cumail a-mach, cia mheud pàidhir de dh'iolairean-mara a tha air Oighreachd Uibhist a Deas.
"Chan eil iadsan ach a' falbh le tuairmse air cia mheud eun a th' againn agus dè am milleadh a tha iad a' dèanamh.
"'S e iadsan a thug na h-iolairean a-staigh dhan choimhearsnachd againn agus tha iad a' toirt buaidh mhòr, mhòr."
Thuirt NàdarAlba gun dèanadh iad sgrùdadh ann an Uibhist a Deas agus Uibhist a Tuath a dh'fhaicinn a bheil fianais ann air gearan Mhgr Chamshroin.