Bhàsaich neach-motar-baidhg an dèidh tubaiste le bus air an A87

Tha neach-motar-baidhg air bàsachadh an dèidh tubaiste le bus air a' Ghàidhealtachd
- Air fhoillseachadh
Chaidh na Poilis a ghairm chun na tubaiste air an A87 eadar Inbhir Mhoireastain agus Ùige faisg air Cluanaidh aig mu 10:40 madainn Disathairne.
Bha motar-baidhg Suzuki Band uaine agus bus geal aon-ùrlar an sàs ann.
Bhàsaich fear a' mhotar-baidhg aig an làraich. Chan eil aithrisean ann gun deach duine sam bith eile a ghoirteachadh.
Bha an rathad dùinte airson timcheall air ochd uairean de thìde fhad 's a rinn na Poilis an sgrùdadh.
Thuirt an Sàirdseant Calum MacAmhlaigh: "Tha an rannsachadh againn a' leantainn feuch dè a thachair agus dh'iarrainn air duine sam bith a chunnaic an tubaist agus nach do bhruidhinn rinn fhathast thighinn air adhart.
"Dh'iarrainn cuideachd air duine sam bith a bha sa sgìre aig an àm agus a chunnaic carbadan mus do thachair an tubaist neo aig a bheil dealbhan dash-cam fios a chur oirnn., taobh a-muigh"