Bàs air Sgùrr nan Gillean

Sgùrr nan GilleanTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha fireannach air bàsachadh air Sgùrr nan Gillean anns a' Chuiltheann san Eilean Sgitheanach.

Thuirt Poileas Alba gun deach brath a chur thuca mu 12:40f Disathairne gun robh fireannach 79 bliadhna de dh'aois air fàs tinn air a' bheinn.

Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm ach chaidh a dhearbhadh gun do bhàsaich e aig an làraich.

Thuirt neach-labhairt aig Poileas Alba nach eil fios aig an ìre-sa dè thug bàs dhan duine ach nach eil iad den bheachd gu bheil dad amharasach mun chùis.

Thèid aithisg a chur gu Neachd-casaid a' Chrùin.