Dùil gun tòisich obair air sganair MRI nan Eilean Siar as t-fhoghar

- Air fhoillseachadh
Tha NHS nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil iad an dùil gun tòisich cùmhnantair air obair ullachaidh mu choinneamh sganair MRI anns na h-eileanan as t-fhoghar.
Thuirt a' bhuidheann gu bheil iad air adhartas a dhèanamh leis a' phròiseact, leis an amas gun tèid an t-seirbheis a chur air bhonn as t-samhradh 2026.
A bharrachd air an obair-dealbhachaidh, tha NHS nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil iad cuideachd air a bhith ag obair gus uidheamachd a cheannach agus planadh a dhèanamh mu choinneamh luchd-obrach.
Tha dùil gun toir sganair anns an sgìre fhèin cruth-atharrachadh air an dòigh anns a bheil seirbheisean gan toirt seachad do dh'euslaintich anns na h-eileanan.
Bidh am pròiseact a' ruith thairis air dà ìre, a' chiad phàirt airson an làrach ullachadh le luchd-togail, agus an uair sin an sganair agus an uidheamachd a cheannach agus a bhith air a chur an sàs le sgioba sònraichte.
Dreuchdan
Thuirt NHS nan Eilean Siar gu bheil iad air clach-mhìle chudromach a ruighinnn mar-thà, 's iad air Àrd Rèidio-ghrafaiche a thaghadh, a bhios a' tòiseachadh anns an dreuchd san t-Samhain am-bliadhna.
Bidh a' bhuidheann cuideachd an dùil barrachd luchd-obrach co-cheangailte ris a' phròiseact fhastadh agus a chur nan dreuchdan mus tòisich an t-seirbheis.
Tha dùil gun tòisich obair air an làraich as t-fhoghar agus gum mair an obair sin sia mìosan.
Thuirt Àrd-oifigear NHS nan Eilean Siar, Gòrdan Jamieson: "Tha sinn gu math moiteil às an fharsaingeachd de sheirbheisean a tha sinn a' lìbhrigeadh do na coimhearsnachdan againn agus cho math 's a tha iad.
"'S e leasachadh clionaigeach air leth cudromach a bhios ann do dh'euslaintich, do luchd-obrach agus dhan phoball nuair a bhios comas againn sganaichean MRI a dhèanamh ann an seo fhèin sna h-Eileanan Siar.
"Tha fios agam gun cuir luchd-obrach clionaigeach fàilte air a' ghoireas diagnosach a bharrachd a tha seo. Tha mi a' toirt taing dhan a h-uile duine airson an cuid obrach agus tha mi a' gabhail fadachd ris an fhosgladh", thuirt e.