Drugaichean air an lorg am Barraigh

Bàgh a' Chaisteil
  • Air fhoillseachadh

Dh'innis Poileas Alba gun deach drugaichean luach £10,000 fhaighinn aig dà sheòladh ann am Barraigh.

Thuirt iad gun deach oifigich le cù gu taighean air Rathad an Naoimh Brianainn agus Corran Ciosmuil ann am Bàgh a' Chaisteil mu 07:00m Dihaoine.

Fhuair iad cocain luach £10,000 agus còrr is £2,000.

Chaidh fireannach aois 41 agus boireannach aois 62 a chur an grèim is a chur fo chasaid.

Thèid aithisg a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.

Tha dùil gun nochd an dithis ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Loch nam Madadh Diciadain an 3mh den t-Sultain.

Thuirt an t-Àrd-Inspeactor Ross McCartney gu bheil taic an t-sluaigh glè chudromach san t-strì an aghaidh dhrugaichean sa choimhearsnachd.

Thug e taing cuideachd do Chompairteachas Dhrugaichean is Deoch-làidir Innse Gall a thaobh cù nam poileas, Viv, is an t-oifigear a tha ag obair còmhla rithe.