Taighean-beaga Ceàrnag Phearsabhail air an dùnadh

- Air fhoillseachadh
Tha Comhairle nan Eilean Siar air Taighean-beaga Ceàrnag Phearsabhail ann an Steòrnabhagh a dhùnadh rè ùine is iad ag ràdh gun deach milleadh leantainneach a chosg na mìltean notaichean a dhèanamh orra.
Thuirt iad gu bheil an suidheachadh a' fàgail nach robh dol às aca ach na taighean-beaga a dhùnadh a-rithist.
Thog an t-ùghdarras ionadail air dol a-mach mì-shòisealta eile timcheall air na taighean-beaga cuideachd.
Tha iad ag ràdh gu bheil iad ag obair gu dlùth le Poileas Alba.