A' cuimhneachadh air strì an fhearainn ann an Gabhsann

Chaidh an luchd-còmhnaidh mu dheireadh a bha air am fàgail ann an Gabhsann fhuadach às ann an 1863
- Air fhoillseachadh
Tha 100 bliadhna ann am-bliadhna o chaidh Tac Ghabhsainn air taobh siar Leòdhais a bhriseadh na chroitean, cha mhòr 60 bliadhna às dèidh dhan luchd-còmhnaidh mu dheireadh a bhith air am fuadach às.
Cha bheag an t-strì a rinneadh airson an talamh fhaighinn air ais agus èiginn nan daoine a' toirt orra an lagh a bhriseadh agus aghaidh a chur ri ùghdarras.
An-diugh, tha am fearann gu lèir ann an làmhan na coimhearsnachd.
Bithear a' comharrachadh na h-eachdraidh sin fad na bliadhna san sgìre agus thèid carragh-chuimhne fhoillseachadh mar urram dhaibhsan a rinn iomairt cho làidir.

Chuireadh na daoine a-mach à Gabhsann agus chaidh tuath mòr a dhèanamh dha na caoraich mhòra
Eadar 1843 agus 1863 chaidh na ceudan dhaoine a chur a-mach à baile Ghabhsainn.
Cleas mar a thachair ann an iomadh sgìre eile, chaidh tac mòr a dhèanamh dha na caoraich bhàna.
Chaidh cuid den luchd-còmhnaidh a-null thairis ach chaidh feadhainn eile dha na bailtean air chrìochan seann sgìre an eòlais.
Às an sin air taobh thall a' ghàrraidh chitheadh iad pàircean gorma Ghabhsainn às an do dh'fhalbh iad agus iad fhèin a' fuireach ann am bochdainn.

Na tha air fhàgail de sheann ghàrradh Thac Ghabhsainn
Thòisich strì an fhearainn le bhith a' briseadh a' bhalla-chloiche eadar iad agus an tuathanas agus leigeil leis na beathaichean aca faighinn dhan talamh ionaltraidh torrach ann.
"'S e èiginn a thug orra sin a dhèanamh. Bha gainne agus bha bochdainn ann," thuirt Ailig John Moireasdan.
Tha e a' fuireach ann am Mealbost Bhuirgh, a bha mar phàirt de Thac Ghabhsainn.
"Bha teaghlaichean mòra ann agus aig a' cheann mu dheireadh cha robh àite aca airson bith-beò a dhèanamh.
"Bha iad a' faicinn fearainn tarsainn a' ghàraidh, cho math 's a bha an talamh, agus thòisich iad còmhstrì leis an uachdaran neo an tenant farmer a bh' ann an Gabhsann agus a' briseadh a-steach tro na gàrraidhean.
"Tha mise a' gabhail iongnadh nach deach duine a dhroch ghoirteachadh no a mharbhadh san t-strì a bh' ann," thuirt Mgr Moireasdan.

Fhuair seanair Ailig John Mhoireasdain croit ann am Mealbost Bhuirgh
Fichead bliadhna an dèidh fuadaichean Ghabhsainn bha daoine a' sìor fhàs searbh agus bha an t-ar-a-mach aca a' sìor neartachadh.
Toiseach 1888 choisich mu thrì cheud croitear a Stèornabhagh le athchuing dhan Bhana-mhorair NicMhathain agus iad ag iarraidh gum faigheadh iad talamh.
Cha deach leotha.
Sa Mhàrt 1888 rinn suas ri 80 fear, a rèir aithris, rèid air Tac Ghabhsainn far an robh na Poilis a' feitheamh orra.
Bha sabaid ann agus an ath-mhadainn thàinig oifigearan agus saighdearan a Bhorgh agus chuir iad ceathrar an grèim.
Bha cùis-lagha ann an Dùn Èideann ach chaidh a thilgeil às.

Fhuair seanairean agus seanmhairean Agnes Rennie croitean ann an Gabhsann
"Bha buaidh mhòr aig an sin air daoine aig an àm," thuirt Agnes Rennie a rugadh is a thogadh ann an Gabhsann.
"Bha buaidh mhòr air na chaidh falbh leotha, an deadh an cur dhan phrìosan, agus an tàmailt a bh' ann dha na teaghlaichean.
"Feadhainn eile a bh' air a bhith an sàs san ar-a-mach agus gu fortanach nach deach falbh leotha, bha iad fhèin fiadhaich.
"Tha mi fhèin a' faireachdainn gu math duilich gur e pàirt den eachdraidh againn g' eileas cha mhòr air dìochuimhneachadh," thuirt i.

Bha Mealbost Bhuirgh mar phàirt de Thac Ghabhsainn
Stad na rèidean ach cha do dh'atharraich beachd na daoine gur ann leotha-san a bha pàircean gorma Ghabhsainn.
Ach bha 40 bliadhna ann mus d' fhuair iad ann.
Bha iomairtean chroitearan eile a' soirbheachadh aig an àm agus thug sinn misneachd don fheadhainn a bha a' sireadh talamhainn ann an Gabhsann.
An dèidh dhaibh maoidheadh gun dèanadh iad rèid eile chaidh Tac Ghabhsainn a bhriseadh na croitean le Bòrd an Àiteachais ann an 1924.

Mapa a' sealltainn chrìochan Tac Ghabhsainn agus na croitean a chruthaicheadh ann nuair a chaidh a bhriseadh

Fear de na tagraidhean a chuireadh gu Bòrd an Àiteachais airson fearann ann an Gabhsann
"Tha sinne ann an seo air sgàth strì ar sinnsearan," thuirt Ailig John Moireasdan a tha a' fuireach air a' chroit a fhuair a sheanair.
"Tha min dòchas gun cuir òigridh an là an-diugh beagan luaich air na chaidh a dhèanamh air an son."
Am-bliadhna thathar a' dèanamh oidhirp mhòir airson dèanamh cinnteach nach tèid an eachdraidh seo an dìochuimhne.
Thèid càrn fhoillseachadh as t-Fhoghar a' cuimhneachadh air strì an fhearainn a rinneadh san àite.

Ìomhaigh an luchd-ealain den charragh-chuimhne a bhios ann an Gabhsann
Bidh iad cuideachd a' comharrachadh an adhartais a rinneadh on thàinig na daoine air ais agus an sgìre gu lèir eadar Nis agus Barbhas Uarach an-diugh fo smachd a phobaill.
Tha Agnes Rennie na cathraiche air Urras Oighreachd Ghabhsainn.
"Tha mi fhèin a' faireachdainn nam biodh mo sheanairean nach maireann agus mo sheanmhairean nach maireann beò an-diugh agus iad a' faicinn na sgìre mòire a tha seo an-diugh ann an làmhan na coimhearsnachd gum biodh iad a' faireachdainn gu math dòigheil," thuirt i.