Bùth an Rubha a' dol an làmhan na coimhearsnachd

Bùth an Rubha Tùs an deilbh, STÒRAS AN RUBHA
  • Air fhoillseachadh

Thèid Bùth an Rubha fo shealbh na coimhearsnachd agus am fear leis a bheil i ga leigeil seachad.

Ged a bha e air an obair aige a leigeil dheth mar thà bha Tormod MacLeòid deònach a' bhùth am broinn seann sgoil a' Chnuic a stèidheachadh ann an 2013.

Tha Mgr MacLeòid, 83, ag ràdh gu bheil an t-àm ann a-nis sguir a dh'obair airson an dàrna turas.

Thuirt e: "Tha mi gu math toilichte gum bi a' bhùth fhathast ann do mhuinntir na sgìre.

"Tha e air togail a thoirt dhomh cluinntinn sna beagan làithean a dh'fhalbh cho mòr 's a tha a' choimhearsnachd a' toirt taic dhan bhùth agus an café againn."

Tormod MacLeòid agus Aonghas MacLaomainnTùs an deilbh, SANDIEPHOTOS
Fo-thiotal an deilbh,

Tormod MacLeòid agus Aonghas MacLaomainn

'S ann fo smachd Urras Stòras an Rubha fon ainm Àros Trading a bhios a' bhùth a-nis.

Thuirt Aonghas MacLaomainn, Cathraiche Urras Stòras an Rubha: "Tha sinn gu mòr airson Bùth an Rubha a chumail fosgailte agus cosnaidhean an luchd-obrach a ghlèidheadh sa choimhearsnachd."

Tha Café Roo dùinte an-dràsta ach thèid beachdachadh air mar a ghabhas fhosgladh às ùr agus air seasamhachd a' ghoireis san ùine-fhada.

Tuilleadh air an sgeulachd seo