Càin £1.8m air companaidh dachaigh-cùraim

Dachaigh-cùraim Cradlehall
  • Air fhoillseachadh

Chaidh càin £1.8m a chur air companaidh dachaigh-cùram HC-One Earranta às dèidh do dh'euslainteach tachdadh agus i air a fàgail na h-aonar nuair nach robh còir 's i ag ithe a dinneir san rùm aice.

Chaochail am boireannach, a bha 96 bliadhna de dh'aois, aig dachaigh-cùram Cradlehall air an 11mh là den Ògmhios 2022.

Bha neach-cùraim air biadh a thoirt dhan t-seòmar aice mu 5.45f.

Dh'fhàg an neach-cùram an rùm aice airson deoch fhaighinn dhith ach bha aca ri dhol an sàs ann an tachartas le dithis eile a bha cuideachd a' fuireach anns an dachaigh-cùraim far an robh feum air taic bho sgioba eile.

Mar thoradh air an sin, chaidh am boireannach fhàgail na h-aonar airson suas ri 20 mionaid mus do thill an neach-cùraim leis an deoch.

Chaidh suidheachadh-èiginn a ghairm leis an neach-cùraim agus thàinig luchd-obrach eile airson taic a thoirt, agus bha paramedic an làthair goirid às dèidh làimh ach chaidh a dhearbhadh gun robh am boireannach air bàsachadh.

Fàiligidhean

Dh'aidich HC One Earrannta, a tha ga ruith, ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis Diluain ri fàiligidhean ann an slàinte agus sàbhailteachd san àite obrach.

Chaidh càin £1.8m a chur air a' chompanaidh.

Thuirt Debbie Carroll, a tha os cionn rannsachaidhean slàinte is sàbhailteachd aig COPFS: "Dh'fhaodadh an call beatha seo a bhith air a sheachnadh nan robh siostam obrach sàbhailte air a chur an gnìomh airson dèanamh cinnteach gun robh cuideigin a' cumail sùil air an t-suidheachadh gach turas a bha i a' gabhail bìdh."

"Bha na fàiligidhean aig HC-One Earranta a' fàgail a h-uile duine san dachaigh-cùraim ann an cunnart. Tha a' chùis seo na dhearbhadh a-rithist gum feum dachaighean-cùraim dìon a chur air na daoine a tha a' fuireach annta agus a' cur nan cuimhne gum bi iad cunntachail mura dèan iad sin.

"Tha ar smaointinn le teaghlagh a' bhoireannaich aig àm a bhiodh fìor dhuilich dhaibh", thuirt i.