Iomairt gus luchd-turais Breatannach a thàladh a dh'Alba

- Air fhoillseachadh
Thuirt Visit Scotland gu bheil staing nan cosgaisean bith-beò a' fàgail nach eil uimhir de dhaoine às a' chòrr den Rìoghachd Aonaichte a' tadhal air Alba.
Tha a' bhuidheann ag ràdh gu bheil suidheachadh ionmhais pearsanta muinntir na dùthcha a' toirt buaidh air mar a tha iad a' siubhal, ach gu bheil iad an dòchas barrachd luchd-turais Bhreatannach a thàladh a dh'Alba.
Nì iad iomairt a' cleachdadh £2m de dh'airgead bho Riaghaltas na h-Alba airson roinn na turasachd a neartachadh.
Tha figearan oifigeil airson na Gàidhealtachd an-uiridh a' sealltainn gun robh 1,255,000 neach-turais à Breatainn fhèin a chuir seachad co-dhiù aon oidhche anns an sgìre, is 534,000 turas den leithid aig dhaoine à dùthchannan cèin.
Thuirt Visit Scotland gun dèan iad an iomairt aca ann an co-bhann leis a' chompanaidh siubhail Expedia agus na meadhanan-sòisealta gus a' Ghàidhealtachd a thaisbeanadh do luchd-turais à Breatainn.
Thuirt Stiùiriche Leasachaidh na buidhne, Chris Taylor, gu bheil luchd-turais Breatannach riatanach do dh'eaconomaidh na Gàidhealtachd, 's gu bheil iad a' cur gu mòr ri seasmhachd roinn na turasachd agus an eaconomaidh san fharsainneachd.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh24 An t-Sultain
- Air fhoillseachadh8 An t-Samhain 2024