Luchd-còmhnaidh ag iarraidh "ar beatha a bhith air ais againn"

Fearghas Walker na sheasamh air beulaibh an teanamaint air Slighe Albert far an robh e fhèin 's a theaghlach a' fuireach
- Air fhoillseachadh
Tha fear às an Eilean Sgitheanach agus a theaghlach am measg an fheadhainn a tha gun dachaigh an dèidh do theanamant tuiteam ann am Pollockshields ann an Glaschu.
Cha robh duine a' fuireach san togalach air a' chòrnair eadar Slighe Albert agus Sràid Kenmure on chaidh a sgrios le teine ann an 2019.
Tha naoi seachdainean on thuit e agus on chaidh an luchd-còmhaidh air gach taobh dheth a chur a-mach às na flataichean aca.
Bha dachaigh aig Fearghas Walker air Slighe Albert airson seachd bliadhna agus bha e a' fuireach ann le a chèile agus am balach beag aca, Somhairle.
"An t-uabhas agus am bròn"
Bha iad air falbh nuair a thuit an teanamant ri an taobh am broinn a chèile.
"Bha fios againn nach robh an togalach idir seasmhach ach cha robh fios againn gum biodh sinn gun dachaigh.
"Nuair a chunnaic sinn na bh' air tachairt agus an tuigse a bh' againn an uair sin - dìreach an t-uabhas agus am bròn nach fhaigheamaid air ais."
Chan eil càil a dh'fhios cuin a gheibh iad dhachaigh agus tha comhairliche ionadail a-nise ag iomairt airson taic-airgid dhaibh.

Thuit an togalach air a' chòrnair eadar Slighe Albert agus Sràid Kenmure air an 12na den Iuchar am-bliadhna
Tha Comhairle Baile Ghlaschu air casg a chur orra bho bhith a' tilleadh dha na flataichean aca leis cho cunnartach 's a tha an làrach.
Tha 12 teaghlach eile san aon suidheachadh; chan eil fiù 's cead aca a dhol ann airson an stuth aca fhaighinn.
Dh'innis a' Chomhairle gur e sàbhailteachd an t-sluaigh an rud as cudromaiche dhaibh.
Tha an t-ùghdarras ionadail ag ràdh gur e uallach gach teaghlaich obair-càraidh a chur air dòigh agus gun dèanadh iad sgrùdaidhean sàbhailteachd aon uair 's gu bheil sin air a dhèanamh.
Mhìnich Fearghas gur e "suidheachadh gu math mì-àbhaisteach" a th' ann agus gu bheil iad uile a' strì ris na companaidhean àrachais aca.
"Chan fhaca muinntir an àrachais seo a-riamh roimhe," thuirt e.

Tha an Comh. Jon Molyneux a' feuchainn ri taic-airgid fhaighinn don luchd-còmhnaidh a chaidh fhàgail às aonais dachaigh
Tha Comhairle Baile Ghlaschu ag ràdh gu bheil iad a' dèanamh a h-uile càil as urrainn dhaibh airson taic a chumail ris na teaghlaichean a tha gun dachaigh.
Tha Comhairliche ann am Pollockshields, Jon Molyneux, ag iarraidh gum faigh an luchd-còmhnaidh taic-airgid bhon stòras charthannais a th' aig an ùghdarras ionadail do dhaoine so-leònta sa bhaile.
"Chaidh a chleachdadh an dèidh nan teintean mòra ann an Sràid Sauchiehall bho chionn beagan bhliadhnaichean agus tha mi ag iarraidh air a' Chomhairle a chleachdadh airson taic a chumail ris an luchd-còmhnaidh an seo ann am Pollockshields," thuirt e.
Thèid am moladh aige a dheasbad aig coinneimh na Comhairle Diardaoin.
San eadar-ama tha fadachd air Fearghas 's a theaghlach agus na nàbaidhean aca fuasgladh fhaighinn agus "ar beatha a bhith air ais againn".
"Bu mhath leam dachaigh a bhith againn gu h-àraid airson Somhairle beag, gu bheil dachaigh sheasmhach againn," thuirt e.