An A9: chaidh cùmhnant na bu shaoire a dhiùltadh
- Air fhoillseachadh
Tha Còmhdhail Alba air a bhith a' dìon na rinn iad mus deach cùmhnant airson an A9 a leudachadh eadar a' Mhòigh agus an Tom Aitinn a thoirt seachad.
Thàinig e am follais gun deach tairgse a bha na bu shaoire a dhiùltadh o chionn dà bhliadhna.
Chaidh cùmhnant luach £185m a thoirt don chompanaidh Balfour Beattie air a' mhìos a chaidh.
Ach tha e air tighinn am follais a-nis gun deach cùmhnant a bh' air £170m a chosg a dhiùltadh airson a bhith ro dhaor ann an 2022.
Thuirt Còmhdhail Alba gun robh mì-chinnt ann mu phrìsean-togail o chionn dà bhliadhna ri linn Covid agus nach d' fhuair iad ach tairgse bho aon chompanaidh aig an àm.
Chaidh a ràdh cuideachd gun tug leithid buidseat beag na Rìoghachd Aonaichte buaidh air cùisean.