Buaidh Stoirm Floris a' leantainn

Craobh air tuiteamTùs an deilbh, Sallie Stuart
  • Air fhoillseachadh

Thug a' chompanaidh chumhachd SSEN rabhadh seachad gum faodadh cuid de dhaoine air Ghàidhealtachd a bhith às aonais dealain gu Diardaoin, ged a tha mòran innleadairean a' strì gus cumhachd a thilleadh thuca.

Tha na mìltean air Ghàidhealtachd gun chumhachd fhathast às dèidh do Stoirm Floris an dùthaich a bhualadh Diluain, le uspagan gaoithe a ràinig còrr air 80 mìle san uair.

Tha obair glanaidh a' dol às dèidh na stoirme cuideachd.

Thuirt Scottish and Southern Electricity Networks gu bheil iad ag obair gu dripeil gus luchd-cleachdaidh a cheangal a-rithist, ach gu bheil dùbhlain air bacadh a chur orra.

Tha iad an dòchas dealan a thilleadh chun mhòr-chuid de dhaoine oidhche Mhàirt, ach thug iad rabhadh seachad gur dòcha gum bi cuid fhathast às aonais gu Diardaoin.

Tha bhanaichean aig a' chompanaidh le biadh teth is deochan anns na sgìrean air a bheil seo a' toirt buaidh.

Bha Donnchadh Dòmhnallach bho SSEN ag ràdh: "Tha sinn ag obrachadh fad na bliadhna feuch an lìonra a dhèanamh cho làidir 's a ghabhas gus nach caill sinn cumhachd, ach nuair a bhios suidheachaidhean againn mar Stoirm Floris, tha sinn airson a h-uile càil as urrainn dhuinn a dhèanamh dhan luchd-cleachdaidh againn.

"Tha sinn airson coimhead às an dèidh is biadh teth is deochan a thoirt dhaibh an-asgaidh gus am bi an dealan aca air a-rithist."