"Cha bu chòir cur suas ri loidhne-rèile bhon 19mh linn san là a th' ann"

Prìomh Loidhne-rèile na Gàidhealtachd aig Ceann a' GhiùthsaichTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha mu dhà thrian den loidhne-rèile eadar Inbhir Nis agus Peairt fhathast na slighe shingilte

  • Air fhoillseachadh

Bu chòir Prìomh Loidhne-rèile na Gàidhealtachd a dhèanamh dà-fhillte a chùm seirbheis nas earbsaiche, maith na h-àrainneachd agus fàs na h-eaconamaidh, am beachd am BPA uaine airson na Gàidhealtachd 's nan Eilean Ariane Burgess.

Thug i seachad òraid aig deasbad ann an Holyrood san do dh'iarr i gun tèid an loidhne-rèile a leasachadh.

Tha dà thrian den t-slighe 118 de dh'fhaid eadar Inbhir Nis agus Peairt fhathast na loidhne shingilte le trèanaichean air an ruith le dìosal.

Tha Ms Burgess den bheachd gu bheil seo ag adhbharachadh gu bheil maill tric air luchd-siubhail agus air giùlan bathair.

Thuirt i: "Cha mhòr nach eil tursan dhaoine a cheart cho fada agus a bha iad ann an Linn Bhictòria.

"Feumar Prìomh Loidhne-rèile na Gàidhealtachd a dhèanamh dà-fhillte agus, còmhla ri prìomh loidhnichean eile na h-Alba, a bhith air a dealanachadh."

Dh'innis i do na buill-phàrlamaid gun dèanadh seo tursan dhaoine agus giùlain bathair mòran na bu luaithe.

Thuirt i gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba an gealltanas a thug iad seachad an turas trèana a lùghdachadh a choileanadh.

Dh'iarr i air ministearan sgrùdadh a dhèanamh mar chiad cheum.

Cha d' fhuair i gealltanas gun tachradh sin san fhreagairt a thug Rùnaire na Còmhdhail, Fiona Hyslop.

Thuirt ise: "Tha mi misneachail gu bheil Riaghaltas na h-Alba a' gabhail cheumannan airson na ceanglaichean còmhdhail riatanach a dhìon le bhith a' toirt fàs air giùalain-bathair air an rèile sa sgìre agus a bhith a' maoineachadh sheirbheisean do mhuinntir na Gàidhealtachd."