Fo-stèisean dealain ùr san amharc air iomall Steòrnabhaigh

Fo-stèisean dealainTùs an deilbh, GETTY IMAGES
  • Air fhoillseachadh

Dh'fhoillsich a' chompanaidh chumhachd SSEN plana ùr airson fo-stèisean dealain air iomall Steòrnabhaigh a bhiodh a' dèiligeadh ris an dealan bho na tuathan-gaoithe air tìr agus aig muir a tha san amharc san eilean.

Ach tha fearg air Comann Coimhearsnachd Mharybank agus Maryhill mu cho faisg agus a bhios e orra agus leig iad fhaicinn gun cuir iad na aghaidh.

Airson ùine mhòr bha sùil air làrach faisg air Àranais airson fo-stèisean ùr a thogail airson dealan bho sgeamaichean ath-nuadhachail ann an Leòdhas a ghabhail agus a chur gu Tìr Mòr tro chàball mhara ùr 600MW.

Ach tha SSEN a-nis a' moladh fo-stèisean an iar-dheas air Marbank is Maryhill air iomall Steòrnabhaigh.

As t-Samhradh nochd muinntir na sgìre an cuid dhraghan mun phlana agus thill SSEN an t-seachdain seo le moladh airson làraich ùir - mu 600 meatair de dh'fhaid agus trì cheud 300 meatair de leud.

Bha tachartas poblach aca Diciadain ann an Steòrnabhagh a' taisbeanadh am planaichean agus bha coinneamh phrìobhaideach aca cuideachd le muinntir Mharybank agus Mharyhill.

Thuirt Comann Coimearsnachd an dà bhaile gu bheil iad fhathast gu tur an aghaidh an leasachaidh - ri linn cho faisg agus cho mòr 's a bhios e agus gun dèan iad strì na aghaidh.