Dragh air Ceòlas mu staing nan aiseagan
- Air fhoillseachadh
Tha Ceòlas ag ràdh gu bheil staing nan aiseagan a' toirt buaidh air an sgoil-samhraidh aca.
Tha fearg ann an Uibhist a Deas an-dràsta is an t-seirbheis aiseig eadar Malaig is Loch Baghasdail air a tarraing gu Dihaoine an 30mh den Ògmhios.
Ghluais CalMac an MV Lord of the Isles gu seirbheis Ìle leis gu bheil an MV Hebridean Isles fhathast briste agus am MV Finlaggan air falbh airson seirbheis bliadhnail.
Thuirt CalMac gu bheil iad fìor dhuilich is gu bheil iad a' tuigsinn gun toir seo buaidh air a' choimhearsnachd, ach gur e an roghainn a bheir buaidh air a' chuid as lugha de luchd-cleachdadh.
Chruinnich na ceudan gus fianais a thogail air cidhe Loch Baghasdail Didòmhnaich is iad ag ràdh nach eil CalMac is Riaghaltas na h-Alba ag èisteachd riutha.
Tha Ceòlas a-nise a' cumail a-mach gu bheil fianais ann gu bheil an suidheachadh a' bualadh orra.
"Tha àite againn airson 130 duine is aig an ìre seo ghabhamaid 20 duine eile. Mar sin tha sinn a' faicinn gu bheil daoine a' stad a chlàradh aig an àm a bhiodh dùil againn a bhiodh greasad mòr ann", thuirt cathraiche Cheòlais, Màiri NicAonghais.
"Tha sinn ag aithneachadh gur ann a thaobh nan aiseagan a tha e. Tha daoine gun fhois a' cur puist-dealain is a' fònadh a' faighneachd dè tha a' tachairt is ciamar a ghabhas cùisean fuasgladh", thuirt i.
Bidh sgoil-samhraidh Cheòlais ann aig toiseach an Iuchair.
Eaconomaidh
A thuilleadh air Ceòlas fhèin, dh'innis a' Bh.Ph. NicAonghais gu bheil seo a' toirt buaidh nas fharsaing air Uibhist a Deas is an sgoil-samhraidh a' cur gu mòr ris an eaconomaidh ionadail.
Thuirt i nach eil cinnt aig luchd-tadhail am faigh iad a dh'Uibhist no gum faigh iad air falbh is nach eil iad mar sin cinnteach an tèid iad ann idir.
Tha e cuideachd a' toirt buaidh air Uibhistich a bhios mar as trice a' dol dhachaigh aig àm Cheòlais, thuirt i.
'S e briseadh-dùil mòr a th' ann, dh'innis a' Bh.Ph. NicAonghais, às dèidh mar a bha oidhirp cho mòr ann gus seirbheis fhaighinn eadar Malaig is Loch Baghasdail sa chiad dol a-mach.
"Tha sinn dòchasach gu bheil sinn a' dol a dh'fhaighinn cidhe ùr ann an ùine nach bi ro fhada agus mar as motha den aiseag a thathar a' cur dheth, 's ann nas cunnartaiche a tha an suidheachadh againn a' coimhead.
"Tha iomagain mhòr air a' choimhearsnachd gur e dìreach dòigh a tha seo air lùghdachadh a thoirt air inbhe Loch Baghasdail.
"Chanadh tu gur ann a' feuchainn ri Uibhist a' Deas a dhùnadh sìos a tha ge brith cò tha air cùl nan co-dhùnaidhean seo", thuirt i.
Thabhainn CalMac leisgeul roimhe mun troimh-chèile a th' ann is gheall iad gu bheil iad ag obair cho cruaidh 's a ghabhas gus bàtaichean a thilleadh gu seirbheis.
Thèid an gnothach cuideachd a thogail ann am Pàrlamaid na h-Alba Dimàirt.
Iarraidh am BPA Làbarach airson na Gàidhealtachd is nan Eilean, Rhoda Ghrannd, freagairt bho Riaghaltas na h-Alba às dèidh mar a chaidh fianais a thogail ann an Loch Baghasdail air an deireadh-sheachdain.