'S i Kara Hanlon a bhios a' giùlan bratach nan Eilean Siar aig a' chuirm-fhosglaidh

Kara Hanlon is an còrr de sgioba snàimh nan Eilean Siar.Tùs an deilbh, WIIGA
  • Air fhoillseachadh

'S i Kara Hanlon a bhios a' giùlan bratach nan Eilean Siar a-steach do chuirm-fhosglaidh Geamannan nan Eilean ann an Arcaibh.

Còmhla rithe bidh Aleah NicDhòmhnaill, an tè as òige sa bhuidhinn.

Bidh uisge aca bho na h-Eileanan an Iar agus thèid sin a dhortadh a-steach gu soitheach còmhla ri uisge bho gach sgioba, rud a bhios a' tachairt aig gach cuirm-fhosglaidh.

Chaidh Kara a thaghadh is i air dusan bonn a ghlèidheadh aig Geamannan nan Eilean roimhe.

Cha robh i aig geamannan Ghuernsey o chionn dà bhliadhna, ach bha soirbheachas mòr aice bho chionn sia bliadhna ann an Gibraltar far an do bhuannaich i còig buinn.

Thuirt cathraiche an sgioba, Norrie Dòmhnallach "Tha fhios aig a h-uile duine cho math 's a tha Kara, chan urrainn dhomh càil eile a radh mu Kara ach gu bheil i air dèanamh cho math air feadh Bhreatainn agus na Roinn Eòrpa, tha sinn an dòchas gun dean Kara math."

Tha Aleah NicDhòmhnaill aig Geamannan nan Eilean 'son a' chiad turais agus chaidh a taghadh gus uisge bho na h-Eileannan an Iar a ghiùlan leis gur i an tè as òige sa bhuidheann.

Tha na farpaisean a' tòiseachadh madainn na Sàbaid.