Sgiath MhicShimidh is Thulaich Bhàrdainn do Cheòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu

Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu a bhuannaich Sgiath MhicShimidh is Thulaich Bhàrdainn
- Air fhoillseachadh
'S iad Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu a bhuannaich Sgiath MhicShimidh agus Thulaich Bhàrdainn aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Loch Abar, air là mòr nan còisirean sgìreil.
Bhuannaich Còisir Ghàidhlig Loch Abair Cuach Cuimhneachan Mairead NicDhonnchaidh.
Fhuair na GGs comharra de 381 airson Sgiath MhicShimidh is Thulaich Bhàrdainn a ghlèidheadh, leis an òrain ainmichte Eadar an Dà Bhràigh, agus an taghadh aca fhèin, Tha Mi Sgìth 'n Fhògar Seo.
Thàinig Còisir Ghàidhlig an Òbain san dàrna àite le 375, is Eadarainn san treas àite le 373.
Fhuair Còisir Ghàidhlig Loch Abair comharra de 374 airson Cuach Cuimhneachan Mairead NicDhonnchaidh, 's iad a' seinn an òrain ainmichte Chì mi na Mòr-bheanna agus an taghadh fhèin An Toll Dubh.
Thàinig Còisir Obar Pheallaidh san dàrna àite, le 369. Bha Còisir Ghàidhlig Bhaile a' Ghobhainn san treas àite le 366.

Còisir Ghàidhlig Loch Abar a bhuannaich Cuach Cuimhneachan Mairead NicDhonnchaidh
Na bu thràithe den là bha farpaisean chòisirean sgìreil nam ban 's nam fear air an cumail ann an Eaglais Bhaile Dhonnchaidh.
'S iad boireannaich Cheòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu a bhuannaich is boireannaich Chòisir Ghàidhlig Lodainn san dàrna àite.
Aig na fir 's iad fireannaich Chòisir Ceann an Tuirc a bhuannaich.
Bha fireannaich Cheòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu san dàrna àite.

Còisir Ghàidhlig Lodainn a bhuannaich farpais a' Phuirt-a-beul
Chaidh cuideachd farpaisean seinn ann na co-sheirm a chumail do bhuidhnean eadar còignear agus deichnear, le Na Seudan a' buannachadh, agus Còisir Ghàidhlig Lunnainn san dàrna àite.
Anns a' phrìomh thalla aig Ionad Nibheis chaidh farpais puirt-a-beul a chumail an-diugh sa mhadainn, le Còisir Ghàidhlig Lodainn a' buannachadh, agus Eadarainn san dàrna àite.
'S iad "Na Boireannaich Eile" a rinn a' chùis ann a farpais Seinn Ceathrar.
'S iad Còmhlan Luadh Bhàideanach a bhuannaich an fharpais Luaidh.