Ceannard Foghlaim is Phlanaichean ùr aig Bòrd na Gàidhlig

- Air fhoillseachadh
Chaidh Calum Rothach ainmeachadh mar Cheannard Foghlaim is Phlanaichean aig Bòrd na Gàidhlig.
Thuirt Bòrd na Gàidhlig gum bi Mgr Rothach a' tòiseachadh anns an dreuchd san t-Samhain.
Bha Calum Rothach roimhe na chomhairliche aig Còmhairle na Gàidhealtachd.
Ghlèidh Mgr Rothach Uard Eilean a' Cheò mar chomhairliche neo-eisimeileach ann an 2020 an toiseach, às dèidh don Chomh. Raghnall MacDhòmhnaill a dhreuchd a leigeil dheth.
Sheas e a-rithist ann an taghaidhean nan ùghdarrasan ionadail ann an 2022, far an d'fhuair e a-steach san chòigeamh cuairt.
Leig e dheth a dhreuchd mar chomhairliche sa Mhàirt 2025.
Thuirt Bòrd na Gàidhlig gun robh iad air leth toilichte ainmeachadh gun deach Calum Rothach a chur anns an dreuchd.