Leasachadh san amharc do Bhàgh an Eig

Chaidh gàrradh Bhàgh an Eig air taobh sear Rois a cheannach le companaidh Iapanaich san Iuchair am-bliadhna.
- Air fhoillseachadh
Thèid port air a' Ghàidhealtachd a leudachadh mar phàirt de phlanaichean airson na milleanan notaichean a chur an sàs aig an làraich.
Tha a' chompanaidh Iapanach Mitsui a ghabh gàrradh Bhàgh an Eig os làimh ag ràdh gu bheil iad dol a chur grunn mhilleanan notaichean dhan ionad a dh' fhaodadh na ceudan de dh'obraichean a chruthachadh.
Thuirt an ceannard de chùisean san roinn Eòrpa aig a' chompanaidh, Yukinobu Nakano, gum feumar leasachadh a dhèanamh air an àite agus a leudachadh airson 's gum biodh iad air choimeas soithichean nas motha a ghabhail.
Reic an Global Energy Group, a tha stèidhichte an Inbhir Nis, an gàrradh ri Mitsui, a tha na companaidh mhòr einnsinnìridh.
Bhiodh an leudachadh gu fichead meatair de dhoimhneachd a' ciallachadh gum biodh am port comasach air dèiligeadh ri na bàtaichean is soithichean as motha gus uidheamachd thuathan-gaoithe aig muir a làimhseachadh.
Tha gàrradh Bhàgh an Eig ga fhaicinn mar phàirt chudromach anns na planaichean airson tuathan-gaoithe aig muir a leasachadh agus tha e cuideachd air a chomharrachadh mar fhear den dà shaor-phòrt ann an Alba.
Tha companaidh Iapanach eile, Sumitomo Electric, cuideachd a' cur £350m ri planaichean airson factaraidh caball fon-mhuir a stèidheachadh air làraich eile faisg air làimh ann an Caolas Chromba.
Tha dùil gun tèid sin fhosgladh san t-Sultain an ath-bhliadhna, 's a' chiad sgioba de luchd-obrach à Alba air a dhol a Iapan airson cùrsa trèanaidh a mhaireas sia mìosan.