£10m gus Bàgh Neig a leasachadh

- Air fhoillseachadh
Dh'aontaich Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean £10m a chur ri leasachadh aig port Bhàgh Neig air Taobh Sear Rois.
Thèid goireasan timcheall air a' chidhe a leasachadh is HIE ag ràdh gun cuir seo ri comasan a' phuirt, is gun tèid companaidhean ùra is barrachd airgid a thàladh.
'S e a' chompanaidh Global Energy Nigg Limited a tha os cionn an leasachaidh.

Thuirt cathraiche na buidhne, Roy MacGriogair, gu bheil am port fìor chudromach a thaobh obraichean a chruthachadh is fàs a thoirt air eaconamaidh na Gàidhealtachd.
Thuirt Mgr MacGriogair gu bheil a' chompanaidh air còrr is £120m a chosg air goireasan a' phuirt a leasachadh bho cheannaich iad e ann an 2011.
Tha a' chompanaidh Iapanach Sumitomo Electric an-dràsta a' togail factaraidh chàballan aig Bàgh Neig is dùil gun tèid còrr air 100 obair a chruthachadh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh27 An Giblean 2023
- Air fhoillseachadh18 An Cèitean 2023
- Air fhoillseachadh17 Am Faoilleach 2024
- Air fhoillseachadh13 An Gearran