"Pian air a sgaoileadh" le matrix ùr ChalMac

CalMac

Geàrr-shealladh

  • Co-chomhairle air matrix ChalMac

  • Bha mì-thoileachas mòr mun t-siostam a bh' ann

  • Cathraiche Còmhdhail CnES air fàilte a chur air na molaidhean

  • Air fhoillseachadh

Nochd beachd gum bi "am pian air a sgaoileadh" eadar coimhearsnachdan nuair a tha troimh-chèile aiseig ann ri linn siostaim ùir a tha san amharc aig CalMac.

Tha a' chompanaidh air co-chomhairle a thòiseachadh mu dhòigh ùr a nì co-dhùnadh cò na slighean a gheibh prìomhachas nuair a tha trioblaidean san lìonra.

Tha na h-uimhir de chonnspaid air a bhith ann mun t-siostam, no am matrix mar a bhios aig cuid air.

Bha fearg ann an Uibhist as t-Samhradh nuair a chaidh an t-seirbheis eadar Loch Baghasdail is Malaig a tharraing a-rithist fad mìos air sgàth dhuileaghadasan ann am pàirtean eile de lìonra ChalMac.

Thuirt CalMac aig an àm gur e seo an roghainn a bheireadh buaidh air a' chuid as lugha de luchd-cleachdaidh.

Ach le cuid ann an Uibhist ag ràdh gur iad a bha a' fulang a h-uile turas a bha trioblaidean aig CalMac, gheall a' chompanaidh gun rachadh ath-sgrùdadh a dhèanamh air a' mhatrix.

Tha iad a-nise air sin a dhèanamh is iad a' sireadh bheachdan air na molaidhean a th' aca.

Nam measg tha CalMac ag amas air:

  • An t-àm a bhiodh buaidh air aona shlighe ga chumail gu seachdain

  • Soithichean a tha rim faighinn nuair a tha trioblaidean ann a chleachdadh thairis air grunn shlighean gus a' bhuaidh air coimhearsnachdan a lùghdachadh

  • Prìomhachas a thoirt do shlighean a tha air fulang barrachd bho throimh-chèile aiseig na tha feadhainn eile

  • Barrachd feirt a thoirt do dh' eileanaich agus do charbadan coimearsalta

Thuirt CalMac gu bheil iad an dòchas gum bi cùisean nas cothromaiche san àm ri teachd ri linn nan atharrachaidhean.

Bha cathraiche còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar am measg na chuir fàilte air na molaidhean.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Beachd bho Ùisdean Robasdan

Dh'innis Mgr Robasdan gu bheil a h-uile coltas ann gum biodh buaidh troimh-chèile aiseig air a roinn air feadh na lìonra nan rachadh na planaichean air adhart.

"Tha fhios againn thairis air an ath bhliadhna, bliadhna gu leth, gum bi duilgheadasan ann le dìth shoithichean agus gus am faigh CalMac soithichean a bharrachd tha trioblaidean gu bhith ann.

"Tha seo a' dol a bhualadh air a h-uile sgìre a th' ann san lìonra aig CalMac ma thachras e.

"An rud a thachair am-bliadhna is a bha gu math connspaideach, cha robh e cothromach idir a thaobh bualadh air aon phort.

"Tha mi a' smaoineachadh an rud a thathar a' dèanamh an seo, tha e gus a bhith doirbh - tha sin cinnteach gu leòr - ach tha mi a' smaoineachadh anns na còmhraidhean a bh' againn air a' bhliadhna seo gun robh a h-uile àite a bh' ann, gun robh iad toilichte gu leòr am pian fhaicinn air a sgaoileadh air feadh nam port uile an àite ga bhualadh air aona phort", thuirt e.

Dh'innis Mgr Robasdan gum biodh e an dòchas gum faigheadh Uibhist gu sònraichte buannachd às an t-siostam ri linn mar a tha coimhearsnachdan an sin air fulang thuige seo.

Thuirt e cuideachd gu bheil e a' tuigsinn gu bheil obair air na bàtaichean ùra a thathas a' togail san Tuirc an-dràsta a' dol a rèir a' chlàir-ama.

Tha a' cho-chomhairle, taobh a-muigh air matrix ChalMac fosgailte chun an 24mh den t-Sultain.