Cead 'son faraidhean luchd-coise air Aiseag a' Chorrain

- Air fhoillseachadh
Tha Comhairle na Gàidhealtachd air bhòtadh airson faraidhean a thoirt a-steach do luchd-coise air Aiseag a' Chorrain airson a' chiad uair.
Bha Comataidh na h-Eaconamaidh is a' Bhun-structair air taic a chur ris a' ghluasad air a' mhìos seo chaidh is aithisg a chaidh air am beulaibh ag ràdh gum biodh faradh £2 "reusanta an taca ri seirbheisean aiseig eile".
Bha an aithisg a' cumail a-mach gum faodadh a' chomhairle £20,516 a thogail sa bhliadhna nan rachadh a chur an sàs.
Ach chuir seo an caothach dearg air mòran san sgìre is iad ag ràdh nach deach conaltradh a dhèanamh ro làimh.
A' bruidhinn aig an àm, thuirt Màiri Anna NicUalraig, a tha a' fuireach ann an Àird Ghobhar is aig a bheil stiùideo clàraidh, gun toireadh na faraidhean buaidh mhòr air gnothachasan san àite.
"Ma dh'fheumas luchd-tadhail pàigheadh airson an t-seirbheis a chleachdadh, bheir iad an t-airgead a tha iad a' cosg san sgìre againn a dh'aiteigein eile", thuirt i.
Air a' cheann thall, chaidh dàil air a' cho-dhùnadh às dèidh dhan chomhairliche Lib Deamach airson a' Ghearasdain agus Àird nam Murchan, Anndra Baxter, a dhol an sàs.
Dh'fhàg am pròiseas a chleachd Mgr Baxter gun deach an gnothach a chur air adhart gu coinneimh sònraichte.
Aig a' choinneimh sin Diardaoin ge-tà, bhòt 34 de na comhairlichean airson na faraidhean a chur an sàs is 27 na aghaidh.
Dh'aontaich Comhairle na Gàidhealtachd nas tràithe am-bliadhna gun rachadh faraidhean do charbadan an-àirde air an t-slighe.