Pàirc Nàiseanta an Eilein Sgitheanaich?

An t-Eilean SgitheanachTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Dh'fhaodadh gun tèid an t-Eilean Sgitheanach, Ratharsair agus Rònaigh a chur air adhart mar phàirc nàiseanta ùr ann an Alba, ma thèid gabhail ris le mhuinntir an àite.

Tha Riaghaltas na h-Alba air planaichean a chur air adhart 'son pàircean ùra a stèidheachadh gus cur ris an dà phàirc a th' ann mar-thà ann an sgìre a' Mhonaidh Ruaidh agus ann an Loch Laomainn agus na Tròisichean.

Tha iad air gealltainn co-dhiù aona phàirc ùr a stèidheachadh ro dheireadh 2026 is tha deich sgìrean air ùidh a nochdadh, an t-Eilean Sgitheanach, Ratharsair agus Rònaigh nam measg.

Tha fear de chomhairlichean an eilein, Drew Miller, air iarrtas a chur chun an Riaghaltais, 's e ag ràdh gun cuireadh an t-inbhe seo barrachd dìon air an sgìre.

Ach tha cuid de dhaoine a tha a' fuireach anns an àite air draghan a thogail gum faodadh riaghailtean ùra buaidh a thoirt air an dòigh-beatha aca.

Fo-thiotal an deilbh,

Tha sreath de choinneamhan poblach gan cumail anns an sgìre.

Chaidh sreath de choinneamhan poblach a chumail an t-seachdain seo air feadh an Eilein Sgitheanaich agus ann an Rathairsair, a' tòiseachadh ann an Slèite Diciadain.

Tha mu 10,700 neach a' fuireach anns an Eilean Sgitheanach fhèin, le 179 ann an Rathairsair agus chan eil duine a' fuireach ann an Rònaigh.

Ach tha dùil gu bheil na h-eileanan, còmhla ri sgìre Loch Aillse a' tarraing mu 750,000 neach-tadhail chun na sgìre gach bliadhna, a rèir na buidhne Skye Connect.

Thuirt an Comh. Miller gum faodadh inbhe pàirce nàiseanta cothrom nas fheàrr a thoirt dhaibh dèiligeadh le cuid de na rudan air a bheil tòrr luchd-turais a' cur cuideim, 's dòcha le fo-laghan a chur an sàs.

Ach tha cuid air draghan a thogail mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aig an inbhe sin cuideachd.

Fo-thiotal an deilbh,

Tha ceistean air Mark Wringe mun phlana

Am measg an fheadhainn a tha teagmhach mun ghnothach, tha Mark Wringe.

Bha Mgr Wringe an làthair aig a' choinneimh phoblaich ann an Slèite, ach tha e a' faireachdainn gu bheil feum fhathast air tuilleadh fiosrachaidh.

"Tha beagan a bharrachd fiosrachaidh agam ach chan eil mi a' faireachdainn gu bheil gu leòr fhathast.

"Tha fios 'am bho chionn beagan mhìosan gun robh na comhairlichean Sgitheanach uile air bhòtadh airson moladh a chur air adhart gum biodh an t-Eilean Sgitheanach na phàirc nàiseanta, ach cha chuala mi bho dhuine sam bith, gu h-àraid bho na comhairlichean, a thaobh carson a tha iad na fàbhar, agus dè na buannachdan a tha iad ag ràdh a th' ann.

"Bu toil leam tuilleadh a chluinntinn mun sin mus dèan mi suas m' inntinn, ach feumaidh mi a ràdh gu bheil mi uabhasach teagmhach", thuirt e.

Nochd Mgr Wringe dòchas ge-tà, gur dòcha gum biodh buannachd ann dha buidhnean coimhearsnachd, cleas Iomairt Chamus Chrois & Dhùisdeil anns a bheil e fhèin na bhall.

"Leasachadh sam bith a tha a' dol air adhart anns an Eilean Sgitheanach, agus mòran phàirtean eile den Ghàidhealtachd, 's e buidhnean coimhearsnachd ionadail (a tha ga dhèanamh).

"Tha uallach uabhasach air daoine saor-thoileach, a' strì, a' cosg uairean fada taobh a-muigh nan uairean obrach aca a' feuchainn ri sin a chur air dòigh.

"Bhiodh e math nam biodh ùghdarras air choireigin eile ann a b' urrainn pàirt den uallach sin a thogail. Sin rud a chòrdadh rium".

Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt Freya NicLeòid bho Lateral North gu bheil e fìor chudromach gum faigh daoine cothrom beachd a thoirt seachad.

'S iad a' bhuidheann Lateral North a chuir na coinneamhan air dòigh.

A' bruidhinn aig a' choinneimh ann an Slèite, thuirt Freya NicLeòid bhon bhuidhinn gu bheil e riatanach gum faigh daoine cothrom beachd a thoirt seachad.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e a' dol glè mhath. Tha e snog gu bheil tòrr dhaoine ann ach cuideachd gu bheil tòrr dhaoine le beachdan eadar-dhealaichte.

"Tha sin glè chudromach airson rudeigin mar seo", thuirt i.

Fo-thiotal an deilbh,

Tha Ruairidh Moireach a' cur an aghaidh pàirc nàiseanta a stèidheachadh

Tha Ruairidh Moireach ann an Slèite air iomadh bliadhna a chur seachad am measg bhuidhnean coimhearsnachd.

Thuirt esan nach eil feum air ùghdarras ùr mar a thigeadh an cois pàirce nàiseanta.

"Chan eil sinn a' faicinn ciamar a tha seo a' dol a dh'obrachadh còmhla ris na buidhnean eile a tha an sàs san eilean. Tha Roinn na Gàidhealtachd againn, Buidheann Dìon na h-Àrainneachd, NàdarAlba - agus iomadach buidheann eile - a tha a' cumail smachd air an àrainneachd againn agus air dòigh-beatha nan daoine. Saoilidh mise nach eil feum sam bith air buidhinn eile.

"Ma tha airgead a bharrachd san sporan - is tha Riaghaltas na h-Alba ag innse dhuinn nach eil - tha iomadach àite ann anns an gabhadh a chosg, saoilidh mise, a bhiodh na b' èifeachdaiche na a chur ann am pàirc nàiseanta.

"Tha a' Chomhairle fhèin feumach air airgead airson a h-uile seòrsa rud: rathaidean, cùram sheann daoine, sgoiltean, is saoilidh mi gur ann an sin a bu chòir an t-airgead a dhol an toiseach, agus chan ann gu pàirc nàiseanta", thuirt e.

"Tha sluagh mòr air tighinn an seo an-diugh, agus saoilidh mi gur e an rud cudromach mu na coinneamhan a tha seo, 's e gu bheil e a' toirt cothrom do dhaoine fiosrachadh fhaighinn mu na molaidhean a dh'fhaodadh a bhith air an cur air adhart nan cuireadh an t-Eilean Sgitheanach airson inbhe pàirce nàiseanta," thuirt Iain Fionnlasdan, fear de chomhairlichean an eilein.

"Gun teagamh, bho na chuala mi bho dhaoine an-diugh, tha fiosrachadh ùr aca, agus fhuair iad freagairtean do na ceistean aca.

"Saoilidh mi gu bheil na h-uimhir de mhì-fhiosrachadh a' dol mun cuairt, gu bheil rud am falach air cùl seo. Chan eil sin fìor idir.

"'S e an t-adhbhar gu bheil na coinneamhan seo ann, faighinn a-mach dè tha daoine a' saoilsinn.

"Gun teagamh, nam bheachd-sa, ma chanas muinntir an Eilein Sgitheanaich agus Ratharsair, an dèidh dhaibh am fiosrachadh fhaighinn nach eil iad ag iarraidh gun tèid tagradh a chur air adhart, 's e sin a dh'fheumas tachairt.

"Gu follaiseach, ma chanas iad an dèidh dhaibh fiosrachadh fhaighinn gur e deagh rud a th' ann, feumaidh sinn taic a chur ris an tagradh.

"Saoilidh mi, ma bhios uiread de dhaoine aig na trì coinneamhan eile 's a bh' aig a' chiad choinneimh seo, bidh cothrom againn an uair sin faighinn a-mach dè am beachd a th' aig muinntir an àite.

"Mar sin tha e cudromach gun dèan daoine an t-oidhirp a bhith an làthair, oir tha fios againn gu bheil mòran bheachdan aig daoine air na meadhanan sòisealta, ach ma tha iad dha-rìribh ag iarraidh fiosrachadh fhaighinn agus am beachd a thogail, feumaidh iad tighinn gu na coinneamhan seo," thuirt e.

Feumaidh sgìrean tagradh oifigeil a dhèanamh airson inbhe pàirce nàiseanta ro dheireadh a' Ghearrain.