"Bàtaichean caolais ùra a dhìth"

MV Loch PortainTùs an deilbh, M J Richardson/Geograph
  • Air fhoillseachadh

Bu chòir bàtaichean ùra airson Caolas na Hearadh agus Caolas Bharraigh a bhith mar phrìomhachas do CMAL agus Còmhdhail Alba, a rèir Chathraiche na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar.

Bha Ùisdean Robasdan a’ bruidhinn is trioblaid ann an-dràsta le aiseag Chaolas na Hearadh.

Tha an MV Loch Portain air a bhith dheth tric anns a' chola-deug mu dheireadh is aon de na h-einnseanan aice briste.

Bheir e 15 seachdainnean mus tèid a chàradh.

Bidh an MV Loch Bhrùsda air an t-slighe rè ùine, ach cha ghabh i uiread de charbadan.

"Tha duilgheadasan air a bhith ann, mar a tha fhios aig a h-uile duine o chionn cola-deug, far a bheil an aiseag a' ruith air trì einnseanan an-dràsta an àite ceithir," thuirt Mgr Robasdan.

"Agus tha an MCA ag ràdh nach urrainn dhi a dhol a-mach ach ann an sìde anabarrach math.

"Tuigidh sinn uile sin. Tha Caolas na Hearadh, tha e doirbh.

"Ach, tha mi air fhaighinn, tha mi a' creidsinn o chionn làithean gu h-àraid, de ghearain on a h-uile taobh, o ghnìomhachasan, o thaobh a-staigh na Comhairle fhèin, am Bòrd Slàinte 's a h-uile duine a th' ann.

"Tha buaidh uabhasach aig a seo air na tha a' dol air ais 's air adhart eadar Uibhist agus Leòdhas is na Hearadh.

"'S i an Loch Portain an tè as òige de na h-aiseagan as lugha a th' againn, agus mar a chanas iad sa Beurla tha Small Vessel Replacement Programme a' tachairt an-dràsta, far a bheil anns a' chiad earrainn, tha iad a' dol a thogail seachd dhiubh.

"Ach 's ann san dara earainn a tha an Loch Portain agus an Loch Àlainn - an fheadhainn a bhios a' tighinn nan àite.

"Bha còmhradh againn leis a' mhinistear an t-seachdain seo chaidh, timcheall air na duilgheadasan a th' air an dà chaolas, agus gun robh còrr coimhead, nam biodhte a' togail aiseagan nas lugha, tha còir aiseag gu h-àraid a bhith air a thogail a bhiodh freagarrach 'son an dà chaolas a tha seo," thuirt e.

Thabhainn CalMac leisgeul airson an t-suidheachaidh air Caolas na Hearadh.

Thuirt iad gu bheil iad ag obair gu cruaidh gus na pàirtean a dh'fheumas iad gus an Loch Portain a chàradh fhaighinn cho luath 's a ghabhas, ach gu bheil seo a' toirt nas fhaide na bha dùil.

Dh'innis iad gu bheil iad mothachail nach eil an Loch Bhrùsda cho mòr is gu bheilear a' dèanamh cinnteach gu bheil prìomhachas ga thoirt do sheirbheisean a tha deatamach.

Thuirt iad gum bu chòir do dhaoine a tha feumach air taic shònraichte bruidhinn ri luchd-obrach ChalMac.