CalMac a' gearan mu phort Àird Rosain

- Air fhoillseachadh
Chuir àrd-oifigear eadar-amail Chaledonian Mhic a' Bhruthainn às leth na companaidh a tha os cionn a' phuirt ann an Àird Rosain nach eil iad ga chumail aig ìre fhreagarrach.
Thuirt Donnchadh Mackison nach eil Peel Ports air airgead gu leòr a chosg air a' phort 's gum faodadh CalMac na seirbheisean aiseig aca a dh'eilean Arainn a ghluasad dhan Truthail.
Ach thuirt Peel Ports gu bheil iad air na milleanan a chosg air Àird Rosain anns na beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad, is cuid dheth sin a chosg air càradh a dhèanamh às dèidh do bhàtaichean ChalMac damaiste a dhèanamh.
Obair-leasachaidh
Às dèidh sgrùdaidh shàbhailteachd air a' phort nas traithe am-bliadhna, b'fheudar CalMac an t-seirbheis chatamaran Alfred a ghluasad dhan Truthail agus 's ann às a sin a tha i a' sèoladh bhon uairsin.
Faodaidh CalMac cidhe Àird Rosain a chleachdadh 'son a' bhàta eile aca, ach tha e duilich faighinn a-steach an sin ma tha gaoth làidir bho dheas.
Tha seirbheisean nas trice air a bhith a' ruith às an Truthail, ach chan eil sin cho goireasach a thaobh cheangalaichean le seirbheisean rèile, agus tha e a' toirt nas fhaide seòladh eadar Arainn agus an Truthail.

Àrd-oifigear eadar-amail ChalMac, Donnchadh Mackinson
Thuirt Mgr Mackinson gun robh iomadach trioblaid aca le port Àird Rosain agus e a' cumail a-mach nach eil Peel Ports air ionmhas a chur a-steach airson obair-leasachaidh.
"Tha CalMac air £15m a thoirt do Pheel Ports airson na goireasan aig a' phort a chleachdadh.
"Tha cunnart ann gum feum sinn an t-seirbheis a dh'Arainn a ruith às an Truthail 'son a bhith cinnteach gum bi seirbheis chunbhalach againn.
"Ach bidh sin a' ciallachadh nach bi seirbheis ann cho tric an coimeas ri a bhith ag obair a-mach à Àird Rosain", thuirt e.
Tha Peel Ports a' dol às àicheadh nach eil iad a' cosg airgid air obair-leasachaidh.
Thuirt neach-labhairt gu bheil Àird Rosain sàbhailte agus goireasach do shoithichean a tha còir a bhith a' cleachdadh a' phuirt.
"Cha deach mòran sheirbheisean a chur dheth bho chionn ghoirid air sgàth obair-càraidh, a bharrachd air a bhith a' dèanamh càraidh nuair a tha bàtaichean ChalMac air bualadh anns a' chidhe", thuirt iad.
Mura tèid leasachadh a dhèanamh air a' chidhe, cha bhi e freagarach airson an dà bhàta ùr a tha fhathast gan togail aig Gàradh MhicFhearghais air Abhainn Chluaidh.
Bha planaichean airson ionad stòraidh air a' ghas (LNG) a thèid a chleachdadh anns na bàtaichean ùra a thogail ann an Àird Rosain, ach chan eil sin a' dol air adhart aig an ìre seo.
Nuair a thig na soithichean ùra, tha CalMac am beachd an t-seirbheis a ruith eadar an Truthail agus Arainn sa chiad dol a-mach, agus bidh tancairean-rathaid a' frithealadh nam bàtaichean leis an LNG.