Gearradh oifigearan Gàidhlig sna coimhearsnachdan "na chall mòr"
- Air fhoillseachadh
Tha an dearg-chaothach air buidhnean coimhearsnachd a tha a' dol a chall oifigearan leasachaidh ri linn ghearraidhean air buidseat Bhòrd na Gàidhlig.
Chaidh an gearradh de chòrr air £300,000 tron Phàrlamaid ann am Buidseat na h-Alba Dimàirt.
'S e airgead a bharrachd a bha seo a bha am Bòrd air fhaighinn anns na trì bliadhna mu dheireadh.
Am measg eile, bha e a' pàigheadh bhuidhnean sa choimhearsnachd gus oifigearan leasachaidh Gàidhlig fhastadh.
Am measg nam buidhnean a chailleas an leasaiche Gàidhlig aca tha Urras Thiriodh.
"Nì seo call mòr mòr dhuinn," thuirt cathraiche an Urrais, Rhoda Meek.
"Bha sinn dìreach air tòiseachadh a' feuchainn ri sgeama ùr a chur air dòigh a bha a' toirt misneachd dhaibhsan aig a bheil a' Ghàidhlig bho thùs ann an Tiriodh.
"Tha sinne am beachd co-dhiù airson Tiriodh, nach eil sinn a' dèanamh gu leòr dhaibhsan aig a bheil an cànan bho thùs, agus gu bheil e cho cudromach gu bheil daoine ga cleachdadh anns a' choimhearsnachd.
"Tha tòrr obair an lùib sin, agus tha sinn am beachd gu bheil e air leth, air leth cudromach.
"Tha sia mìosan againn ri dhol, 's às dèidh sin cha bhi maoineachadh ann.
"Leis an fhìrinn, tha e a' togail na ceiste carson a tha sinne anns na coimhearsnachdan a' feuchainn idir?
Call Misneachd
"Tha mi a' tuigsinn cho doirbh 's a tha e a thaobh bhuidseatan, agus mar a bha an t-airgead seo ann fa-leth airson sgeama mar seo, agus ma tha airgead ri fhaighinn san àm ri teachd, glè mhath.
"Ach an trioblaid a th' againn, mar a tha an Riaghaltas a' dèiligeadh ris a' Ghàidhlig, agus mar a tha na gearraidhean seo air tachairt, tha call misneachd ann.
"'S e an rud as nàire mu dheidhinn a' ghnothaich, chanainn-sa, gur e buidseat bho bhliadhna gu bliadhna a bh' ann an obair anns na coimhearsnachdan fhèin aig a bheil Gàidhlig.
"An dearbh adhbhar a tha seo air tachairt, 's e nach robh sin ann am meadhan obair a' Bhùird aig an fhìor thoiseach.
"Agus mar sin 's e na scraps a bh' againn an seo a' feuchainn ri rudan a chur air dòigh ann an cuid de na coimhearsnachdan as iomallaiche far a bheil an cànan dìreach air a glùinean.
"Agus 's e "buidseat bliadhna gu bliadhna a bha sin 's b' fheudar dha falbh", uill chan eil sin math gu leòr dhomhsa, 's chan eil e math gu leòr do na daoine a tha a' fuireach anns na coimhearsnachdan a tha seo.
"Tha e gu math fhèin follaiseach nach eil ùidh a' choin aig an Riaghaltas co-dhiù ann a bhith a' maoineachadh Gàidhlig sna coimhearsnachdan.
"Chan e mòran a th' ann an £300,000 ann am buidseat cho mòr, ach a' bhuaidh a th' aige sin air obraichean agus cànan anns ar coimhearsnachdan fhèin, chan e rud math a tha sin idir," thuirt i.
Bile nan Cànanan Albannach
Thuirt an Riaghaltas gun d' fhuair iad airgead eadar-amail a bharrachd do Bhòrd na Gàidhlig san trì bliadhna mu dheireadh gus lìonra nan oifigearan Gàidhlig a leudachadh.
Thuirt iad a dh'aindeoin is gu bheil suidheachadh ionmhais fìor dhoirbh romhpa, gu bheil iad air buidseat stèidhichte a' Bhùird a ghlèidheadh, ach nach urrainn dhan airgead eadar-amail leantainn.
Tha iad ag ràdh gu bheil iad ag aithneachadh cho cudromach 's a tha a' Ghàidhlig is gu bheil iad 'son is gun tig fàs air suidheachadh a' chànain, is gur e sin as coireach gu bheil iad a' toirt air adhart Bile nan Cànanan Albannach.