Ceithir là stailce gu bhith aig UHI mu phlana dreuchdan a ghearradh

Prìomh-oifis Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean Tùs an deilbh, OILTHIGH NA GÀIDHEALTACHD 'S NAN EILEAN
Fo-thiotal an deilbh,

'S e moladh obraichean a ghearradh am prìomh-oifis UHI a th' air cùl iomairt-obrach an aonaidh

  • Air fhoillseachadh

Tha dùil gun tòisich sreath làithean stailce am measg luchd-obrach Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean ro dheireadh na mìos agus iad mì-thoilichte mu mholaidhean cosnaidhean a ghearradh.

Thuirt Aonadh nan Oilthighean 's nan Colaistean (UCU) gum faodadh gun caill 16 luchd-obrach ann am prìomh-oifis an oilthigh an obair an aghaidh an toil agus UHI ag amas air sàbhalaidhean luach £2m a dhèanamh.

Tha an t-aonadh am beachd a' chiad stailc a ghairm air an 30mh den Dàmhair agus air an 5mh, 17mh agus 18mh den t-Samhain cuideachd.

Thuirt UHI gun robh còmhraidhean math aca le UCU a dheasbad "gach roghainn a bh' ann", agus iad ag ràdh gur e am prìomhachas aca taic a chumail ri luchd-obrach agus dèanamh cinnteach nach eil an iomairt-obrach a' toirt buaidh air oileanaich.