Là trang Litreachais aig a' Mhòd

- Air fhoillseachadh
'S e Diciadain Là Litreachais a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail agus grunn duaisean air am buannachadh.
Fhuair Isla Scott às na Hearadh a' chiad duais ann am fàrpais Òran Ùr, 's i a' faighinn Geall-dùbhlain Chàrlabhaigh, le Cearaidh Cheanadach às an Òban san dàrna àite, agus Ceitidh Chaimbeul às Inbhir Nis san treas àite.
Fhuair F. Ann MacLean à Eilean Cholla a' chiad duais ann am farpais Sgrìobhadh Fo 2000 Facal, le Donnchadh MacCàba à Dùn Dè san dàrna àite.
Ann am farpais Trì Pìosan Bàrdachd, 's e John MacInnes às a' Ghearasdan a ghlèidh an Cuaich Ailsa agus Bonn Òir Leòdhais is na Hearadh, le Donnchadh MacCàba à Dùn Dè san dàrna àite, agus Ceitidh Chaimbeul à Inbhir Nis san treas àite.
Fhuair F. Ann MacLean à Eilean Cholla a' chiad àite ann am farpais Sgeulachd Ghoirid fo 2000 Facal, le Iain Cuimeanach à Ros an Iar san dàrna àite, agus Lisa Anne Fiona NicDhòmhnaill à Achd Ille Bhuidhe san treas àite.
Bhuannaich John Joe MacNèill Geall-dùbhlain Anna NicDiarmaid airson Co-sheirm ceithir fhìllte aor òran ainmichte.
Ann am farpais Neo-Fhicsean mu 2000 Facal fhuair Cairistiona Stone à Gallaibh a' chiad àite, le F. Ann MacLean à Eilean Cholla san dàrna àite agus Victoria NicÌomhair à Baile Dhubhthaich san treas àite.
Ghlèidh Shelagh Chaimbeul duais Sgrìobhadair an Leabhair Chloinne as fheàrr le Ailig agus an Dalek Gàidhlig.
Agus 's i Petra Poncarova a fhuair duais Sgrìobhadair an Leabhair Inbhich as Fheàrr, le An Starran: Rosg Gàidhlig le Ruairidh MacThòmais.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 6 uairean