Fear sa chùirt san Òban co-cheangailte ri taic do Phalestine Action

Poilis
  • Air fhoillseachadh

Nochd fireannach, 59, ann an Cùirt an t-Siorraidh anns an Òban fo chasaid gun bhrosnaich e taic dhan bhuidhinn Palestine Action.

Cha do rinn Anthony Harvey tagradh sam bith co-cheangailte ris a' chasaid fo Achd na Ceannairc 2000.

Tha Palestine Action air a toirmeasg às dèidh milleadh luach £7m a dhèanadh air itealain leis an RAF le feadhainn a bha a' cur taic rithe.

Faodaidh 14 bliadhna prìosain a dhol air duine airson a bhith nam ball den bhuidhinn no a bhith a' nochdadh taic dhaibh.

Chaidh Mgr Harvey a leigeil ma sgaoil.

Nochdaidh e anns a' chùirt a-rithist aig àm eile.