Muc-mhara a thàinig air tìr an Ratharsair air bàsachadh

- Air fhoillseachadh
Tha muc-mhara a thàinig air tìr ann an Ratharsair air bàsachadh.
Bha a' mhuc-mhara spùtach air a bhith air ghlacadh am measg ròpannan far chosta an Eilein Sgitheanaich, ged a chaidh aig daibhearan air a saoradh às dèidh strì mhòr.
Thàinig am beathach gu tìr air a' chladach faisg air Oscaig air taobh siar Ratharsair.
Gheàrr cuid de mhuinntir an àite ròpannan anns an robh i an sàs agus bha dòchas ann gum faigheadh i air ais gu muir nuair a bhiodh an làn ann.
Bha a' bhuidheann British Divers Marine Life Rescue (BDMLR) air cuid de ròpannan a bha mu thimcheall na muice-mara a ghearradh Disathairne, ach bha feadhainn fhathast mu a ceann.

Chaidh a dhearbhadh Dimàirt gun robh a' mhuc-mhara air bàsachadh.
Thuirt am BDMLR gun tèid deuchainnean a dhèanamh a-nis feuch dè a dh' adhbharaich bàs a' bheathaich.
Tha seo a' tighinn às dèidh tachartasan eile anns an robh mucan-mara an sàs faisg air an Eilean Sgitheanach.
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil dleasdanas orra dèiligeadh ris a' chlosach.
Thuirt iad gu bheil grunn roghainnean ann is gun tèid rannsachadh a dhèanamh sa chiad dol a-mach.