Cinnt Pàirc Peterson "a' toirt seasmhachd dha iomain an Glaschu"

GMA an aghaidh Chinn Loch Seile aig Pàirc Peterson
- Air fhoillseachadh
 
Thuirt ceann-suidhe Ghlaschu Meadhan Earra-Ghàidheal gu bheil cothrom a-nise aig iomain a bhith "seasmhach sa bhaile airson nan linntean ri thighinn" is iad air tighinn gu aonta leis an ùghdarras ionadail mu dhachaigh a' chluba.
Tha Aonghas MacAonghais ag ràdh gum bi iad a-nise a' coimhead air leasachadh a thoirt air Pàirc Peterson san Eochair.
Dhearbh Comhairle Ghlaschu Diardaoin gun deach aonta 25 bliadhna a dhèanamh le Urras Pàirc Peterson gus smachd a ghabhail air a' ghoireas.
Tha dachaigh air a bhith aig Ghlaschu Meadhan Earra-Ghàidheal aig a' phàirc fad bhliadhnaichean, is pàircean ball-coise is GAA ann cuideachd, cho math ri goireasan trèanaidh.
Tha cluba BSC Ghlaschu ga chleachdadh 'son ball-coise is Gàidheil Ghlaschu airson GAA.

Aonghas MacAonghais aig Pàirc Peterson
Tha GMA fhèin air a bhith a' sireadh aonta leis a' chomhairle 'son ùine is iomagain orra mu dè dh'fhaodadh a bhith an dàn dhaibh fhèin agus dha iomnain sa bhaile as aonais cinnt.
A' bruidhinn air Aithris na Maidne Dihaoine, thuirt Mgr MacAonghais gur e "naidheachd dha-rìribh" a tha san aonta.
"Tha seo a' toirt cothrom dhuinn iomain - a tha cho ceangailte ri baile Ghlaschu - a bhith seasmhach 'son nan linntean ri tighinn.
"Cha b' urrainn dhuinn planadh no mòran eile a dhèanamh bho bhliadhna gu bliadhna ach a-nise, tha sinn a' coimhead air dealbh a tha a' dol a-mach còrr is 20 bliadhna.
"Faodaidh sinn a-nise coimhead airson ghranntaichean agus airson maoineachaidh airson obair-leasachaidh mhòir air na pàircean is air na goireasan."
A thuilleadh air a bhith na dachaigh dha GMA, chaidh cuideachd cuairtean deireannach Chupa Comann Ceilteach Ghlaschu a chluich aig Peterson anns na bliadhnaichean mu dheireadh.

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh21 An t-Ògmhios 2023
 
