Seasaidh BPA nan Eilean Siar uair eile sa sgìre ann an taghadh Holyrood 2026

Alasdair Allan BPATùs an deilbh, ALASDAIR ALLAN BPA
  • Air fhoillseachadh

Chaidh Alasdair Allan a thaghadh mar thagraiche Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba airson nan Eilean Siar airson taghadh Holyrood an ath-bhliadhna.

Seo an còigeamh turas a chaidh an Dtr Allan a chur air adhart mar thagraiche an SNP sna h-Eileanan an Iar.

Tha e air a bhith a' riochdachadh nan Eilean Siar aig Holyrood bho 2007.

Thuirt e gur e urram a th' ann gun do thagh buill ionadail a' phàrtaidh e a-rithist mar thagraiche airson na "roinn-phàrlamaid air leth seo".

"Tha mi a' dèanamh fiughair ri a bhith a' cur air adhart argamaid airson Alba neo-eisimeileach taobh a-staigh an Aonaidh Eòrpaich sna mìosan ri thighinn.

"Bho 2007 tha mi air feuchainn ri bhith nam ghuth làidir dha na h-eileanan seo sa phàrlamaid nàiseanta againn, agus tha min dòchas gum tèid agam air muinntir nan Eilean Siar a mhisneachadh earbsa a chur annam a-rithist sa Chèitean 2026."

Am measg nam pàrtaidhean eile aig an ìre sa chaidh Dòmhnall MacFhionghain a chur air adhart airson nan Làbarach.