Suirbhidh taigheadais aig Urras Oighreachd Chàrlabhaigh

Cathraiche Urras Oighreachd Chàrlabhaigh, Coinneach MacIllinnein
Fo-thiotal an deilbh,

Dh'iarradh an t-Urras àireamh sluaigh na sgìre àrdachadh ma 's urrainn

  • Air fhoillseachadh

Thòisich Urras Oighreachd Chàrlabhaigh, ann an co-bhanntachd le Tighean Innse Gall, suirbhidh mu thaigheadas san sgìre.

Tha iad 'son 's gun lìon luchd-còmhnaidh, no feadhainn a tha 'son gluasad a-steach dhan àite - an t-suirbhidh 'son beachd a thoirt dhaibh air planaichean taigheadais san sgìre san àm ri teachd.

"Tha sinn a' coimhead ri beachdan fhaighinn air ais airson taighean ùra, taighean de sheòrsa sam bith as urrainn dhuinn a dhèanamh agu dè an t-iarrtas a th' ann," thuirt Cathraiche an Urrais, Coinneach MacIllinnein.

"Eil daoine ag iarraidh a thighinn a dh'fhuireach dhan sgìre againn? Eil daoine a' coimhead airson taighean - taighean ùra no taighean comhairle? Tha e gu math farsaing."

TaighTùs an deilbh, Getty Images

Tha sùil aig an Urras air àireamh an t-sluaigh àrdachadh ma 's urrainn, agus beachd ann gur e dìth taigheadais fear de na rudan as motha a tha a' cur bacadh air daoine fuireach ann.

"Tha mi fhìn làn den bheachd ma tha obair agus taigh aig duine gun gluais iad air ais dha na h-eileanan againn, 's dha na sgìrean againn," thuirt Mgr MacIllinnein.

"'S e a bhiodh buileach math nam faigheadh sinn daoine òga le teaghlaichean a' lìonadh nan sgoiltean againn. Bhiodh sin mìorbhaileach math.

"Ach tha sinn airson daoine sam bith a thoirt a-steach dha na sgìrean againn."

Làraichean-taighe

Dh'iarradh an t-Urras cuideachd làraichean-taighe le seirbheisean a chur a-mach 's gum biodh cothrom aig daoine orra airson taighean a thogail.

Tha airgead aca an-dràsta a leigeadh leotha a dhèanamh.

Chan eil e cho furasta 's a shaoileadh duine sin a dhèanamh ge-tà, fiù 's do dh'uachdaran choimhearsnachd.

"Tha daoine den bheachd gu bheil talamh gu leòr aig na h-oighreachdan a tha seo," thuirt Mgr MacIllinnein.

"Ach tha an talamh gu lèir fo stiùireadh nan comataidhean ionaltraidh agus croitearachd, agus chan eil e cho furasta pìosan talmhainn fhaighinn 's a tha daoine den bheachd.

"Ach ma tha daoine anns na bailtean a tha seo againn a tha a' faicinn gu bheil pìos talmhainn a bhiodh freagarrach airson àite-taighe a chur ann, far am faigheadh sinn an uair sin air sin a leudachadh gu dhà no thrì thaighean eile a chur a-steach ann - dha daoine a bhuineas dhan sgìre no daoine a thig a-steach dhan sgìre - bhiodh sin mìorbhaileach math."

Faodar an ceisteachan a lìonadh air pàipear, no air-loidhne, taobh a-muigh.