Dàil air dà bhana leabharlainn air a' Ghàidhealtachd

Bha dùil gum biodh na bhanaichean ùra aig High Life na Gàidhealtachd deiseil as t-samhradh
- Air fhoillseachadh
Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd gum bi an geamhradh ann mus bi dà bhana leabharlainn a bhios a' siubhal gu cuid de na coimhearsnachdan as iomallaiche san sgìre deiseil.
Phàigh an t-ùghdarras ionadail £332,000 airson an dà charbad a thèid gu na h-àitichean far nach eil cothrom aig an t-sluagh air leabharlann àbhaisteach.
Bha dùil gun tòisicheadh iad as t-samhradh ach dhearbh High Life Highland (HLH), a tha a' ruith nan leabharlannan, agus Comhairle na Gàidhealtachd gun deach dàil a chur orra air sgàth thrioblaidean solarachaidh gu h-eadar-nàiseanta.
- Air fhoillseachadh28 An Lùnastal
- Air fhoillseachadh12 An Dùbhlachd 2018
Bidh na bhanaichean a' frithealadh dhaoine air an tuath a th' air a bhith a' faighinn seirbheis lìbhrigidh eadar-amail.
Thuirt ceannard nan leabharlann le HLH, Julie Corcoran, gun robh iad a cheart cho "tàmailteach agus sàraichte'' agus a bha an luchd-cleachdaidh leis an dàil.
Thuirt an t-àrd-oifigear Steve Walsh roimhe gun robh seirbheisean nan leabharlann air feadh Alba fo uallach mhòr.
Thuirt e gun robh e an dòchas gum biodh coimhearsnachdan air am misneachadh gun robh a' Chomhairle agus HLH dha-rìribh airson airgead a chosg gus seirbheisean air a' Ghàidhealtachd a dhèanamh seasmhach.