Dàil air soitheach CalMac a thathar a' togail san Tuirc
- Air fhoillseachadh
Tha dàil air a' chiad shoitheach de cheithir a tha gàrradh Cemre san Tuirc a' togail do ChalMac.
Bha dùil ris an MV Isle of Islay ann an Alba san Dàmhair ach chaidh maill a chuir air an sin gu deireadh na bliadhna.
Tha gàrradh togail Cemre a' coireachadh dàil ann a bhith faighinn uidheamachd agus stuthan air sgàth gainnead air feadh an t-saoghail.
Tha seo a' tighinn agus a dhà de na bàtaichean-aiseig aig CalMac a-mach à seirbheis an-dràsta - an Lord of the Isles agus an Caledonian Isles agus tha soitheach eile ga toirt a-mach a seirbheis anns an t-Samhainn.
Cha bhith an Glen Sannox a tha gàrradh MhicFhearghais a' togail air a lìbhrigeadh gu deireadh na h-ath mhìos agus bidh grunn sheachdainean de thrèanadh a dhìth air a' chriubha mus bi i ann an seirbheis.
Thàinig an naidheachd mun dàil leis an Isle of Islay ann an litir gu Buill Phàrlamaid na h-Alba bho Kevin Hobbs, àrd-stiùiriche CMAL.
Anns an litir, thuirt Mgr Hobbs gu robh dùbhlain gu math mòr air a bhith aig Cemre - cogadh na h-Ucràin a thug buaidh air stàilinn agus na crithean-talmhainn uabhasach a bh' ann an ceann an earra dheas na Tuirc a dh' fhàg tòrr den luchd-obrach a' dol a chuideachadh leis an iomairt-theasargainn.
"Tha an càirdeas eadar CMAL, CalMac agus Cemre làidir agus tha sinn ag obair còmhla gach latha airson na soithichean a bhios a' frithealadh air coimhearsnachdan eileanach fad bhliadhnaichean fhaighinn deiseil," thuirt Mgr Hobbs.
Se an MV Isle of Islay a' chiad tè de na soithichean ùr do dh' Ìle agus dùil ris an MV Loch Indaal an ath-bhliadhna agus tha dà bhàta eile air òrdan.
Tha iad nas lugha na na bàtaichean a thathar a' togail air Chluaidh.