Clipper Round the World Yacht Race san Òban

- Air fhoillseachadh
Bidh cala an Òbain làn air an deireadh-sheachdain agus rèis iachtaichean Clipper Round the World a' tadhal air a' bhaile.
Chan eil an rèis riamh air stad aig port ann an Alba gu seo.
'S e mòr-chuid de sheòladairean amaitearach a tha anns na criuthaichean san rèis seo.
Thòisich iad ann am Portsmouth san t-Sultain an-uiridh agus 's iomadh port air feadh an t-saoghail air an do thadhail na seòladairean bhon uairsin.
'S e an t-Òban an dàrna port mu dheireadh a bhios aca mus crìochnaich an rèis air ais ann am Portsmouth aig deireadh na mìos.
Bidh na seòladairean an uairsin air 40,000 mìle mara a shiubhal.
Gheibh iad blas de chultar na Gàidhealtachd fhad 's a tha iad anns an Òban.
"Tha cèilidh gu bhith againn is òraidean aig Cluba Seòlaidh an Òbain", dh'innis Nadine Harris bho Clipper Round the World Yacht Race.
"Bidh turas a Lios Mòr cuideachd ann agus clasaichean Gàidhlig".

Chan e sin a-mhàin.
Le Mòd 2024 a-nise a' teannadh nas dlùithe, tha a' chomataidh ionadail air an cothrom seo a ghabhail gus cultar nan Gàidheal a thaisbeanadh.
"Tha 'flash choir' gu bhith againn aig Ceàrnag an Stèisein Didòmhnaich", dh'innnis oifigear conaltraidh Mòd an Òbain, Ross Christie.
"Tha sinn a' cur fàilte air còisirean Gàidhlig bho air feadh na h-Alba - agus duine sam bith bho air feadh an t-saoghail le ùidh òran Gàidhlig a ghabhail còmhla ri companaich chrìdheil, ghasta - uile an seo airson aire is airgead a thogail airson Mòd an Òbain".
Tha dùil ri na bàtaichean an toiseach tràth Disathairne is barrachd an uairsin thairis air an deireadh-sheachdain.
Tha BID an Òbain ag ràdh gum bu chòir do dhaoine a bhith mothachail gu bheil dùil gum bi am baile nas trainge na tha e mar as trice.
