Lib Deamaich ag amas air adhartas air a' Ghàidhealtachd

Ailig Cole-Hamilton
  • Air fhoillseachadh

Chuala co-labhairt nan Lib Deamach gu bheil am pàrtaidh airson "a' Ghàidhealtachd a thoirt air ais bhon SNP".

Thòisich cruinneachadh earraich Lib Deamaich na h-Alba ann an Inbhir Nis leis an naidheachd gun robh am BPA Jamie Greene air tighinn thuca bho na Tòraidhean, a' ciallachadh gu bheil còignear bhall aca a-nise aig Holyrood.

A' bruidhinn aig a' cho-labhairt, thuirt ceannard a' phàrtaidh gu bheil iad ag amas air cur ris an àireimh sin aig an taghadh an ath-bhliadhna is gu bheil fòcas sònraichte aca air roinnean na Gàidhealtachd.

Thuirt Ailig Cole-Hamilton gu bheil obair-sgrùdaidh a rinn am pàrtaidh fhèin air toraidhean an taghaidh choitchinn an-uiridh a' sealltainn gu bheil iad ann an suidheachadh làidir aig tuath.

"Ceit Fhoirbeis, Maree Todd, Fearghas Ewing. Feadhainn a tha is a bha nan ministearan SNP.

"Tha sinn a' tighinn. 'S urrainn dhuinn na roinnean sin a bhuannachadh.

"'S e sgeulachd na h-oidhche a bhiodh ann - Lib Deamaich na h-Alba a' toirt na Gàidhealtachd air ais bhon SNP," thuirt e.

Gheall Mgr Cole-Hamilton cuideachd barrachd taice do luchd-cùraim òga a tha a' coimhead às dèidh luchd-dàimhe.

Thuirt e gum bi seo aig cridhe a' mhanifesto aca an ath-bhliadhna.

Mar phàirt den phoileasaidh, bhiodh neach anns gach àrd-sgoil ann an Alba le uallach taic a chumail ri luchd-cùraim òga gus an urrainn dhaibh leantainn le obair-sgoile a thuilleadh air cùram a thoirt seachad.

Rinn Mgr Cole-Hamilton moladh mòr cuideachd air Jamie Greene is e ag ràdh gun tig barrachd dhaoine dha na Lib Deamaich anns na mìosan ri tighinn.

Bha Mgr Greene air a ràdh gu bheil Tòraidhean na h-Alba a-nise "Trump-esque".