1,500 teaghlaichean ùra a dhìth sna h-Eileanan an Iar

- Air fhoillseachadh
Chaidh innse do Bhòrd Cùram is Slàinte nan Eilean Siar (IJB) gu bheil co dhiù 1,500 teaghlaichean ùra a dhìth sa sgìre airson dèiligeadh ceart ri buaidh crìonadh an t-sluaigh.
Aig coinneamh dhen bhòrd Diardaoin, dh'innis Stiùiriche Ionmhais an IJB, Debbie Bozkurt, gu bheil dìth luchd-obrach a’ fàgail gu bheil grunn dhreuchdan, gu h-àraid ann an cùram sòisealta, nach urrainn dhaibh lìonadh.
Mhìnich i ge-ta, mura b' e nach robh iad a’ cosg airgid air luchd-obrach gum biodh iad air a bhith ann an staing ionmhais na bu mhiosa buileach.
Chuala buill bhòrd an IJB roimhe gum faodadh toll buidseit £4m a bhith mun coinneamh, ach dh'innis Ms Bozkurt dhaibh gun gabhadh nan leabhraichean airson na bliadhna-sa a chothromachadh le bhith a' cleachdadh an stòrais-airgid aca.

Chualas gu bheil dìth luchd-obrach a' fàgail nach gabh dreuchdan aig dachaigh-cùraim ùr ann an Steòrnabhagh a lìonadh
Thug Ms Bozkurt rabhadh seachad gun robh iad air a bhith a' crochadh air na bh' aca de dh'airgead air a chur ma seach airson nan trì bliadhna a chaidh seachad agus gur e seo a' bhliadhna mu dheireadh a bhiodh an roghainn sin aca.
Dh'innis i cuideachd gun robh fo-chosgadh aca - airgead a chaidh a chomharrachadh airson pàigheadh luchd-obrach na dachaigh-cùraim ùir ann an Steòrnabhagh - ach nach deach a chaitheamh, agus e air faileachadh orra tòrr de na dreuchdan sin a lìonadh.
Ghabh i ris gun robh sin a' fàgail nach robh iad a' toirt seachad sheirbheisean mar bu chòir, ach thuirt i mura b' e gun robh na h-uimhir de dh'obraichean bàna aca gum biodh e air a bhith do-dhèanta dhaibh na leabhraichean a chothromachadh.
Thuirt Ms Bozkurt gun robh ro-innleachd radigeach a dhìth airson dèiligeadh ri crìonadh-sluaigh agus airson barrachd luchd-obrach a thàladh chun nan Eilean Siar.
Na beachd, dh'fheumadh co-dhiù 1,500 teaghlaichean ùra tighinn a dh'fhuireach agus a dh'obair ann airson sin a choileanadh.